An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Primo Levi"

Content deleted Content added
No edit summary
+ dealbh air ais
Loidhne 1:
{{Template:Sgrìobhadair
| AINM = Primo Levi
| DEALBH =Primo Levi.gifjpg
| RUGADH = [[Faidhle:Flag of Italy.svg|22px]] [[Torino]], 13 Iuchar [[1919]]
| BÀS = [[Faidhle:Flag of Italy.svg|22px]] [[Torino]], 11 Giblean [[1987]]
Loidhne 11:
}}
 
B' e [[Ceimigearceimigear]], [[bàrd]] agus sgrìobhadair às [[an Eadailt]] a bh' ann am '''Primo Levi''' ([[IPA]]: '''ˈpriːmo ˈlɛːvi''', [[Torino]], [[31 an t-Iuchar]] [[1919]] – Ibidem [[11 an Giblean]] [[1987]]). Ach tha e ainmeil, gu h-àraidh, mar ìobairt agus neach-tàrrsainn Auschwitz. Sgrìobh e mòran mun [[uile-losgadh]].<ref>[http://www.brynmawr.edu/italian/holoc/essays/surv_hol.htm Bryn Mawr]</ref>
 
== Beatha ron Chogadh ==
Thogadh Primo Levi ann an Torino agus bhuineadh e do [[teaghlach|theaghlach]] [[Iùdhachd|Iùdhach]] [[libearalach]]. Bha obair aig [[athair]], Cesare, còmhla ri companaidh air an robh Ganz<ref>[http://www.wienerlibrary.co.uk/Detail_documents?item=13&offset=50 Weiner Library]</ref> agus chuireadh esan seachad tòrr ùine a' siubhal thall thairis dhan [[An Ungair|Ungair]] às leth Ghanz. Bha Cesare uabhasach dèidheil air leughadh agus dh'ionnsaich e fhèin. Chaidh a [[Màthair|mhàthair]], Ester "Rina" Luzzati dhan [[sgoil]] Maria Letizia,<ref>[http://www.museotorino.it/view/s/8e3dc624272d424587c0ec85fe5e40ce Museo di Torino]</ref> bha [[Fraingis]] siùbhlach oirre agus chluicheadh i a' phiàna. B 'e athair Rini a chuir am pòsadh air dòigh agus cuideachd b' e esan a thug flat spaideil air an Via Re Umberto dhaibh,<ref>[http://www.jewishitaly.org/detail.asp?ID=1017 Jewish Italy]</ref> far a rugadh Primo Levi, far a dh'fuiricheadh e fad a bheatha agus far a chaochail e. Rugadh a [[piuthar|phiuthar]], Anna Maria, ann an [[1921]]. Bha dlùth dàimh aca fad am beatha. Thoisich e am [[bunsgoil]] Felice Rignon ann an Torino ann an [[1925]].<ref>[http://www.comune.torino.it/servizi-educativi/adotta/sch_a-m-02/01_rignon.htm Comune di Torino]</ref> Chaidh e dhan [[àrd-sgoil]] ''Massimo d'Azeglio'' as t-fhoghar [[1930]], a' tòiseachadh ÀS2 an àite ÀS1 oir bha e deagh oideachaidh fhaighinn aig an [[taigh]] fad [[bliadhna]].<ref>[http://www.primolevi.it/index.php?title=Web/Italiano/Strumenti/Archivio/120_Fondi_sparsi/220_Liceo_Massimo_D%27Azeglio Primo Levi]</ref> B' e an sgoilear na b' òige agus na bu tapaidh sa clas a bh' ann agus an aon Iùdhach cuideachd agus le sin bhiodh cuid dhuibh ag obair air bho àm gu àm. A thuilleadh air sin, chuir e seachad dà bhliadhna ann an sgoil Talmud Torah gus òran a ghabhail san [[Sionagog]] aig a Bhar Mitzvah, ann an [[1932]].<ref>[http://www.salonelibro.it/it/home/203-altri-progetti-del-salone/portici-di-carta/11917-passeggiata-letteraria-5-itinerario-san-salvario-primo-levi-carolina-invernizio.html Salone Libro]</ref> Thoisich e [[ceimigeachd]] aig oilthigh Torino as t-fhoghar [[1937]] agus thug e ceum ann ann [[1941]].<ref>[http://www.primolevi.it/web/italiano/contenuti/scienza Primo Levi]</ref> Bha dreuchd aige leis a' chompanaidh Wander, ann am [[Milano]]. B' urrainn dha an cùrsa aige a choileanadh, a dh'aindeoin gu robhar a' cur [[lagh|laghan]] a chuireadh bacadh air oileanaich Iùdhach sna oilthighean air feadh na h-Eadailte.
 
== An Cogadh ==
Ann an [[1943]] dh' fheuch e agus a chuid charaidean a dhol dhan fheachdan a bha a' strì an aghaidh nan Nàsach. Bha iad air leth gorm le sin agus chaidh an chur an greim leis a' Mhailisidh air [[13 an Dùbhlachd]] 1943.<ref>[http://www.atuttascuola.it/collaborazione/emiliano/se_questo_e_un_uomo.htm A Tutta Scuola]</ref> Lìbhrig iad Levi do dh'[[Arm]] na [[A' Ghearmailt|Gearmailt]], oir dh' aidich e gur e Iùdhach a bh' ann los nach loisgeadh iad airsan anns a' bhad. Bha e na phrìosanach ann am [[Fossoli]] mus deach a chur às an tìr air [[21 an Gearran]] [[1944]] agus an ceann mìos ràinig e [[Monowice]] (Monowitz), fear dhe na campaichean am broinn aitreabhan Auschwitz, suidhichte anns [[A' Phòlainn]] fo bhuaidh nan Nàsach. B' urrainn dha maireachdainn beò fad deich mìos gus a shaoraich an t-Arm Dearg an campa. Chaidh 650 Iùdhaich às an Eadailt còmhla ris ach cha robh ach dìreach 24 dhiubh beò aig deireadh a' chogaidh.<ref>[http://www.theguardian.com/film/2006/oct/14/primolevi The Guardian]</ref> Chuir e seachad naoi mìosan air an rathad mus d'fhuair e dhachaigh. Cha do dh'aithnich an dorsair e, leis cho bochd robach salach 's a bha e.
 
== An dèidh a' Chogaidh ==
Phòs e Lucia Morpurgo ann an [[1947]]. Fhuair iad dithis duine-chloinne còmhla: lisaLisa [[1948] agus Enzo [[1957]]. Thoisich e a' cantainn mu dheidhinn na thachair thall sa Phòlainn agus chuireadh e seachad oidhcheannan a' sgrìobhadh. Beag air bheag nochd a' chiad nobhail aige, ''Se questo è un uomo'', a chaidh foilleachadh ann an 1947.<ref>[http://doc.studenti.it/riassunto/italiano/se-questo-uomo-primo-levi.html Studenti]</ref> Lean e air ag obair mar cheimigear agus sgrìobhadair fad a bheatha.
 
== Bàs ==
Chaochail Primo Levi aig 10:20 madainn air [[11 an Giblean]] [[1987]], nuair a thuit e bhon flat aige air an treas làr Via Re Umberto 75 dhan t-sràid.<ref>[http://cinquantamila.corriere.it/storyTellerThread.php?threadId=PRLLaMorteDiPrimoLeviarticoloDel542 Corriere della Sera]</ref> Tha cuid dhen bheachd gun do chuir e làmh na bheatha fhèin, air sàilleabh gu robh e gu math ìsle le [[trom-inntinn]] dìreach mus do bhàsaich e.<ref>[http://www.repubblica.it/online/album/ottantasette/vergani/vergani.html La Repubblica]</ref> A dh'aindeoin sin, cha do dh' fhàg e litir neo litir a dhearbhadh na thachair dha. A bharrachd air sin, mar cheimigear, bha fios aige ciamar a ghabhadh e ri a bheatha fhèin ann an dòigh na bu shìmplidh agus na bu dheirbhe na leum a-mach à balconaidh. Cuideachd, bha pròiseactan aige ri choileanadh. Ghairm an Rabbai Elio Toaff gun do chuir Levi brath thuige a' cantainn ''Tha mi seachd searbh sgìth le mo bheatha'' dìreach mus do thuit e.<ref>[http://archiviostorico.corriere.it/1997/aprile/12/Toaff_Primo_Levi_annuncio_suicidio_co_0_9704123707.shtml Archivo Historico]</ref>