An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Port Bhruachaidh"

Content deleted Content added
Ainm oifigeil aig Ainmean-àite na h-Alba http://www.gaelicplacenames.org/databasedetails.php?id=1546
Bruach Tatha gu Port Bhruachaidh
Loidhne 1:
B' e baile iasgaich leis fhèin a bh' ann am '''Port Bhruachaidh''' ('''Brochtie''' sa [[a' Bheurla Ghallda|Bheurla Ghallta]]), a tha a-nis na phàirt de [[Dùn Dèagh|Chathair Dhùn Dèagh]], suidhichte air oir an ear na cathrach sin, air cladach [[Linne Tatha]], air taobh ear na h-[[Alba]]. Canaidh muinntir a' bhaile ''The Ferry'' ris, agus 's e '''Broughty Ferry''' an t-ainm a th' air sa Bheurla. Tha pàirtean dhen bhaile seo mar [[iomall-bhaile]] Dhùn Dèagh, ach tha meadhan a' bhaile fhathast a' glèidheadh an dualchas aige fhèin, a thaobh coltas agus faireachdainn. Tha a h-uile coltas ann gur e '''BruachPort TathaBhruachaidh''' an t-ainm a bh' air an àite seo bho thùs, agus gur ann à sin a thàinig '''Brocht-Brochtie''' is an uairsin '''Broughty''' sa [[Beurla|Bheurla]]. Bhathas a' cuideachd a' toirt "Brothaig" air ann an Gàidhlig, agus 's e ainm Gàidhlig eile a th' air a' bhaile '''Aiseag Bhrothaig'''. B' e [[borgh]] neo-eisimileach a bh' ann am BruachPort TathaBhruachaidh bho 1864 gus an deach a thoirt a-steach ann amdo [[Borgh Rìoghail|Bhorgh Rìoghail]] Dhùn Dèagh ann an 1913.
 
[[Faidhle:BroughtyWaterFront.jpg|thumb|left|280px|An t-seann bhaile-iasgaich]]
Loidhne 13:
Bha an [[Caisteal]] seo an sàs gu mòr ann an Cogaidhean ris na Sasannaich agus cuideachd ann an [[Cogadh Sìobhalta Shasainn.]]Ghabhadh le [[cabhlach]] Shasannach e sa bhliadhna 1547, agus thugadh air ais bhuapa e le cabhlach [[Albannach|Albannaich]] is [[Frangach|Fhrangaich]] sa bhliadhna 1550. B' e seo [[sèist]] a chuir crìoch air a' [[cogadh|chogadh]] mu dheireadh eadar [[Alba]] agus [[Sasann]]. Tha toll ri fhaicinn ann am balla a' chaisteil agus bhathas a' cumail a-mach am beul a' bhaile gur e balla canain a dh'adhbhraich e, ach chan eil cinnt ann ma tha seo fìor, gus nach eil. Tha an caisteal an-diugh na thaigh-tasgaidh a tha saor an-asgaidh. Tha an taisbeanadh a' foillseachadh diofar àm ann an eachdraidh an àite, mar eisimpleir: [[gnìomhachas nam mucan-mara]], [[gnìomhachas an diut]], cogaidhean agus mar sin air adhart. Gheibh luchd-tadhail sealladh air [[dualchas nàdair]] an àite cuideachd.
 
Mus deach a' chiad drochaid-rèile an Tatha a thogail ann an 1878, b' e bat'-aiseig a bha a' ceangladh an loighne-rèile bho Obar Dheidhinn gu Dùn Èideann eadar [[Port na Creige]] agus BruachPort TathaBhruachaidh.
 
Chaidh [[bàta-teasairginn]] a' bhaile, [[Bàta-teasairginn Mona]], a chall san Dùbhlachd, 1959 leis a h-uile neach a bh' air bòrd, 's iad a' feuchainn ri [[long]] a bha [[eadar-dha-leann]] a shàbhaladh.
Loidhne 19:
== Taighean-òil==
 
Tha meadhan a' bhaile làn [[taigh-òil|taighean-òil]] agus corra [[taigh-seinnse|thaighean-seinnse]], tòrr dhiubh aig a bheil deagh chliù, agus a tha a' toirt seachad [[biadh]], a bharrachd air [[deoch]]. Chan e ach mìle ceàrnagach a th' ann am meud meadhan a' bhaile, agus gheibhear co-dhiù 15 taighean-seinnse na bhroinn, aon no dhà air gach sràid, agus gun ach mionaid no 30 diogan a thìde de chois eatorra. Tha ''The Fisherman's Tavern'', ''The Ship Inn'' agus ''The Royal Anchor'' am measg an fheadhainn as aosta. Tha [[Fèis Leanna|Fèill Leanna]] a' tachairt ann gach samhradh ann an cuid de na taighean-seinnse, ach gheibhear an cothrom [[beòir]] is [[leann]] àraid bho air feadh na h-[[Alba]] òl fad na bliadhna anns ''The Fisherman's Tavern''.
 
== Dealbhan ==