An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Oidhche Shàmhach (òran)"

Content deleted Content added
bNo edit summary
Loidhne 91:
== Josef Mohr ==
[[Faidhle:Silentnightdistrict.jpg|thumb|300px|right|''Stille Nacht Kapelle'' (Eaglais bheag Oidhche Shàmhaich) ann an Oberndorf]]
Rugadh Joseph Franz Mohr san [[11 an Dùbhlachd|11 latha den DhùbhlachdDùbhlachd]] [[1792]] ann an [[Salzburg]], an Ostair. Dh'ionnsaich e sagartachd agus bhon bhliadhna 1815 bha e na shagart. An toiseach bha e ag obair ann an Ramsau faisg air [[Berchtesgaden]], [[a' Ghearmailt]] agus an uair sin ann am Mariapfarr far an do sgrìobh e an dàn ''Stille Nacht'' (Oidhche shàmhach/Ciùin an oidhch') le sia rannan. Anns a' bhliadhna 1817 ghluais e gu Oberndorf airson dà bhliadhna. 'S e seo far an do dh’fhaighnich e do Ghruber, fonn a chur ris na rannan.
 
As dèidh dà bhliadhna ann an Oberndorf, dh'imrich Mohr bho àite gu àite eile, gus mu dheireadh thall (1837) dh'fhuirich e ann an [[Wagrain]], an Ostair. Dh'fhosgail e sgoil ùr airson cloinne bochda agus chuir e siostam air bhonn airson cùram a ghabhail do sheann daoine. San [[4 an Dùbhlachd|4mh latha den Dùbhlachd]] [[1848]] chaochail e mar duine bochd air sgàth 's gun tug e an tuarasdal aige do dhaoine a bha dhìth air. Chaidh a thìodhlacadh ann an Wagrain.
 
Thaghadh muinntir Wagrain an t-ainm "Mohr" mar ainm na sgoile ann an Wagrain airson urram a thoirt air an t-sagart. Bhon bhliadhna 2006 a-mach tha taisbeanadh maireannach mu Mhohr ri fhaicinn anns an taigh-tasgaidh Wagrain.
 
== Franz Gruber ==
Rugadh Franz Xaver Gruber san [[25 an t-Samhain|25mh latha den t-Samhainn]] [[1787]] ann an ''Unterweizberg'', an Ostair. B' e tidsear a bha ann agus bha e ag obair anns an sgoil ann an Arnsdorf, trì cilemeatair air falbh bho Oberndorf. Aig an aon àm bha e na organaiche agus neach-stiùiridh na còisire ann an Eaglais Naomh Nicholas ann an Oberndorf. Chruthaich e binn airson an òran Oidhche Shàmhach agus chuir e rèiteachadh giotàr ris.
 
Bliadhnaichean an dèidh seo dh'imrich e gu Hallein, far an do chaochail e san [[7 an t-Iuchar|7mh latha den Iuchar]] [[1863]].
 
Ach cha robh sin an t-aonar òran a rinn e, sgrìobh e barrachd òrain-ghàirdeachais a bhios air an seinn fhathast anns na h-eaglaisean air feadh na h-Ostaire gus an latha an-diugh.