An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Oidhche Shàmhach (òran)"

Content deleted Content added
sgiobl.
Loidhne 91:
== Josef Mohr ==
[[Faidhle:Silentnightdistrict.jpg|thumb|300px|right|''Stille Nacht Kapelle'' (Eaglais bheag Oidhche Shàmhaich) ann an Oberndorf]]
Rugadh Joseph Franz Mohr san [[11 an Dùbhlachd|11 latha den Dhùbhlachd]] [[1792]] ann an [[Salzburg]], an Ostair. Dh'ionnsaich e sagartachd agus bhon bhliadhna 1815 bha e na shagart. An toiseach bha e ag obair ann an Ramsau faisg air [[Berchtesgaden]], [[a' Ghearmailt]] agus an uair sin ann am Mariapfarr far an do sgrìobh e an dàn ''Stille Nacht'' (Oidhche shàmhach/Ciùin an oidhch') le sia rannan. Anns a' bhliadhna 1817 ghluais e gu Oberndorf airson dà bhliadhna. 'S e seo far an do dh’fhaighnich e do Ghruber, fonn a chur ris na rannan.
 
As dèidh dà bhliadhna ann an Oberndorf, dh'imrich Mohr bho àite gu àite eile, gus mu dheireadh thall (1837) dh'fhuirich e ann an [[Wagrain]], an Ostair. Dh'fhosgail e sgoil ùr airson cloinne bochda agus chuir e siostam air bhonn airson cùram a ghabhail do sheann daoine. San 4mh latha den Dùbhlachd [[1848]] chaochail e mar duine bochd air sgàth 's gun tug e an tuarasdal aige do dhaoine a bha dhìth air. Chaidh a thìodhlacadh ann an Wagrain.