An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Conradh na Talún"

Content deleted Content added
No edit summary
 
Loidhne 1:
B' e buidheann phoileataigeach a bha gu math gnìomhach ann an [[Éirinn]] aig deireadh an [[19mh Linn]] a bh' ann an '''Conradh na Talún'''. Bhiodh an Conradh ag iarraidh cabhair a thoirt do thuathanaich màladairean san tìr. B' e a phrìomh-amas oighreachdan nan Tighearnach Talmhainn a bhriseadh sìos agus an talamh a thoirt do na tuathanaich a bha ag dèanamh na h-oibre air an son. Air [[20 an Giblean]], [[1879]], chumadh coinneamhan mòr ann am [[An Baile Gaelach, Contae Mhaigh Eo|Baile Gaelach]], faisg air [[Clár Chlainne Mhuiris]], ann an [[Contae Mhaigh Eo]]. Thuirteadh gu robh corr is 20,000 duine an làthair. An dèidh a' chruinneachaidh seo, bha buidhnean ionadail a' Chonraidh ag obair airson màl a b' ìsle dha na daoine bochda, gu h-àiridh ann am Maigh Eo agus [[Còigeamh Chonnacht|Connacht]] air fad.
 
== Bunú an ChonarthaStèidheachadh ==
Chaidh ''Conradh Talún Náisiúnta na hÉireann'' ([[Gàidhlig]]: Lìog Talmhainn Nàiseanta na h-Éireann) ann an [[Caisleán an Bharraigh]] san Taigh-òsta Impireil, air [[21 an Dàmhair]] [[1879]]. Chaidh [[Charles Stewart Parnell]] a thaghadh mar cheannard, agus [[Mícheál Dáibhéad]], [[A.J. Kettle]] agus [[Thomas Brennan]] mar rùnairean. Bha [[John Dillon]] na neach-iomairt cudromach eile.