'S e rapair is riochdaire-ciùil ainmeil a tha ann an '''Dr. Dre''' (Fìor ainm: ''Andre Romelle Young'', [[Los Angeles|Baile nan Aingeal]], [[18 an Gearran]] [[1965]]). Bha e na bhall anns an [[World Class Wreckin' Cru]] agus [[N.W.A.]]<ref>[http://www.rollingstone.com/music/news/5-fascinating-things-n-w-a-told-rolling-stone-20160406 Rolling Stone]</ref/> agus tha e air da chlar a chur a-mach leis fhèin, [[The Chronic]] ann an [[1992]] agus [[2001]] ann an [[1999]]. Lorg e [[Eminem]] cuideachd agus riochdaich e a' chiad chlàr aige, [[The Slim Shady Lp]] ann an 1999. Chruthaich e stoidhle ur le bhith a' tarraing air seann chlàran aig [[Seòras Clinton]], ag atharrachadh a' chiùil bho [[P-Func]] gu [[G-Func]]. Chaidh [[gangsta rap]] a thoirt air an stoidhle seo, o chionn 's gun robh e a' moladh dòigh-beatha air a ghlacadh le gunnaichean, boireannaich is airgead. Tha e a-nis air a dhreuchd a leigeil dheth mar rapair, a' briseadh cridhean a luchd-leantainn a bha an dùil a threasamh clàr [[Detox]]. Tha e air ghealltainn ge-tà gun cum e air a' riochdachadh chlàran aig rapairean eile. Tha e air [[50 Cent]], [[Ice Cube]], [[Eve]] agus fiù 's [[Na Rolling Stones]] a riochdachadh. Tha an rapair [[Warren G]] na leth-bhràthair do Dre.