An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Salamanca"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 19:
'S e [[baile]] mòr eachdraidheil air an àirde an iar-thuath [[An Spàinn|na Spàinne]] a th’ ann an '''Salamanca''' ([[IPA]]: ''salaˈmaŋka'', [[Fraingis]]: Salamanque, [[Laideann]]: ''Salamantica''). Tha e suidhichte aig 795m os cionn ìre na [[Muir|mara]],<ref>[http://population.mongabay.com/population/spain/3111108/salamanca Mongabay]</ref> ri taobh na [[Abhainn|h-Aibhne]] Tormes, anns an Sgìre ([[Spàinntis]]: ''Provincia'') Salamanca fhèin, anns a’ Choimearsnachd le Fèin-riaghladh (Spàinntis: ''Comunidad Autónoma'') [[Castilla y León]], faisg air na crìochan leis [[A' Phortagail]], 171km air falbh bho [[Madrid|Mhadrid]], prìomh-bhaile na [[Dùthaich|dùthcha]], 655km bho [[Barcelona|Bharcelona]] agus 400km bho [[Sevilla|Shevilla]].<ref>[http://distancecalculator.globefeed.com/Country_Distance_Calculator.asp Distance Calculator]</ref> Tha 154,462 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile,<ref>[http://www.ine.es/nomen2/index.do?accion=busquedaRapida&subaccion=&numPag=0&ordenAnios=ASC&nombrePoblacion=salamanca&botonBusquedaRapida=Consultar+selecci%F3n Cunntas Sluaigh na Spàinne]</ref> an 44mh baile na dùthcha.<ref>[http://world-gazetteer.com/wg.php?x=&men=gcis&lng=en&des=wg&geo=-4&srt=pnan&col=abcdefghinoq&msz=1500&geo=-72 Bailtean na Cruinne]</ref> Chaidh oilthigh a stèidheachadh ann an Salamanca ann an [[1218]], am fear as aosmhoire na Spàinne. Chaochail an [[Ceimigear]] [[Wendell Meredith Stanley]] an seo ann an [[1971]].
== Freumhan an ainm ==
'S ann connspaideach 's a tha [[freumh-fhaclachd]] an ainm. B' e ''Helmantike'' ([[Gàidhlig]]: Tìr na Geaslanachd) a chanadh na Greugaich ris, agus sgrìobh [[Ptolomaidh]] gu robh dùn Ceilteach ANan SEOseo air an robh ''Salmatica/Salmantica''.<ref>Moyas Díez T., Salamanca: guías de turismo de Castilla y León, Ediciones Grepheus, [[2007]], ISBN 84-87473-34-2</ref> Sgrìobhadh [[Livius]] ''Hermandica'' e. Tha teòiridh caran ùr ann, a tha a' dearbhadh gur e ''ath'' a th' anns an eileamaid ''sala-'' (mar Salas de los Infantes ann am Burgos no ''Salas de Pallars'' ann an Lleida),<ref>[https://tertuliaarqueologica.files.wordpress.com/2014/09/gaceta_07_09_2014_3.pdf Tertulia Arqueológica]</ref> ged nach eil mòran dhaoine a' gabhail ri sin fhathast. Tha cruth na tìre a' gabhail ris an teòiridh ùr.
 
==Eachdraidh==
Chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an [[1833]].<ref>[http://www.ipp.csic.es/node/283769 Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain]</ref> Thuit am baile dha na reubaltaich [[Faisisteachas|Faisisteach]] beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach tòisichidh [[Cogadh Sìobhalta na Spàinne]] ann an [[1936]].<ref>Hurtado V., La Sublevación, [[2010]], Barcelona: DAU. ISBN 978-84-936625-6-1</ref>