An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Boden"

Chaidh 1,025 baidht a chur ris ,  4 bhliadhnaichean air ais
'S e [[baile]] faisg air [[Luleå]] ann an ceann a tuath [[An t-Suain|na Suaine]] a th' ann am '''Boden''' ([[IPA]]: 'bu:dən, [[Fionnais]]: ''Putti'', [[Sàmais]]: ''Suttes''). Tha e suidhichte faisg air daingneach ris an canar ''Rodbergsfort'', ri taobh [[Abhainn|na h-Aibhne]] Lule, anns an sgìre Norrbotten, anns an roinn [[Norrbottens Län]],<ref>[http://www.ne.se/boden/131951 Nationalencyklopedin]</ref> 746km air falbh bho [[Stockholm]], prìomh-bhaile na [[Dùthaich|dùthcha]], 1,189km bho [[Helsingborg]], agus 1,035km bho [[Göteborg|Ghöteborg]].<ref>[http://distancecalculator.globefeed.com/Country_Distance_Calculator.asp Distance Calculator]</ref> Tha 18,680 duine a’ fuireach anns a’ bhaile.<ref>[http://www.scb.se/statistik/MI/MI0810/2005A01A/Tatorternami0810tab1en.xls Riaghaltas na Suaine]</ref> ’S e gearasdan cudromach do dh’ Arm na Suaine agus prìomh-bhaile na sgìre Bhoden a th’ anns a’ bhaile.
==Freumhan an Ainm==
Ged nach eil [[freumh-fhaclachd]] an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à ''buthm'' ([[Gàidhlig]]: [[earbar]]), a tha an t-ainm.<ref>[http://www.etymonline.com/index.php?allowed_in_frame=0&search=boden Etymology Online]</ref> Tha cuid eile dhen bheachd gur ann à ''bod'' (both) a tha e.<ref>Svenskt ortnamnslexikon, Språk- och folkminnesinstitutet, [[Uppsala]], Elanders Gotab, [[Stockholm]], [[2003]]</ref>
==Eachdraidh==
Chaidh Boden a chlàradh mar ''Bodebyn'' ann an sgrìobhainn - a thaobh chìsean - ann an [[1539]]. B' e dìreach baile beag a bh' ann fad linntean. Thogadh an [[eaglais]] ann an [[1827]]. Dh' fheuchadh ri canal a thogail ach dh' fhàillig an oidhirp. Thoisich e ri fhàs an dèidh [[1894]], nuair a ràinig an [[Rathad-iarainn]] airson nam mèinnichean [[iarann|iarainn]] fhrithealadh. B' e gearasdan cudromach an [[Arm|Airm]] fad an [[20mh Linn]] leis gu robh tòrr trioblaid ann. aig an toiseach tòisichidh leis [[A' Ghearmailt]] san [[Darna Cogadh]] agus an uair sin leis [[Aonadh Sobhiat|An Aonadh Shobhiat]] tron [[Cogadh Fuar|Chogadh Fhuar]]. B' e gu robh An t-Suain agus [[An Ruis]] air a bhith nan nàmhaidean fad na linntean. Aih aon àm bha còrr is 13% feachdan armachd na dùthcha air an stèidheachadh an seo.
 
==Daoine ainmeil==
*[[Eyvind Johnson]]: ([[1900]] – [[1976]]) Sgrìobhadair a bhuannaich an [[Duais Nobel]] ann an [[1974]].
35,754

deasachadh