An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Östersund"

Content deleted Content added
Loidhne 18:
‘S e [[baile]] meadhanach agus [[port]]-locha air an àirde an iar-thuath na [[An t-Suain|Suaine]] a th’ ann an '''Östersund''' ([[IPA]]: ''œstəˈʂɵnd'', Sydsamiska: ''Staare''). Tha e suidhichte ann an [[tairbeart]] air [[Loch]] Storsjön anns an sgìre [[Jämtlands län]],<ref>[http://www.viamichelin.fr/web/Cartes-plans?address=Nyk%C3%B6ping&addressId=31NDF6cmYxMGNOVGd1TnpVek16WT1jTVRjdU1EQTVNVE09 Michelin]</ref> 396km air falbh bho [[Helsingborg]], 128km bho [[Uppsala]] agus 317km bho [[Göteborg|Ghöteborg]]. Tha 43,759 duine a' fuireach ann.<ref>[http://www.scb.se/sv_/Hitta-statistik/Statistik-efter-amne/Befolkning/Befolkningens-sammansattning/Befolkningsstatistik/25788/25795/Kvartals--och-halvarsstatistik---Kommun-lan-och-riket/399199/ SCB]</ref> Chaidh am baile a stèidheachadh ann an [[1178]].
== Freumhan an ainm ==
Tha e coltach gur ann à dà fhacal ann an [[Suainis]]: ''öster'' ([[sear]]) agus ''sund'' ([[caol]]) a tha an t-ainm.<ref>[http://runeberg.org/svetym/1331.html Runeberg]</ref> Bheireadh sin ''Caolas an Ear'' dhuinn sa [[Gàidhlig|Ghàidhlig]] an latha an-diugh. Tha cuid dhen bheachd gur ann à '''Åstersånn'' ann an Jamtais (dualchainnt na sgìre), a tha a' ciallachadh an aon rud, ach cha ghabh sin a dhearbhadh. 'S e co-dhàimh leis [[A' Bheurla Ghallda]] ''easter'' a th' ann am ''öster''.
 
==Eachdraidh==
A rèir beul-aithris Lochlannach bho àm nan creach, b' ann às an [[eilean]] Frösön (Suainis: Eilean Freya) a bha a' Bhana-Dhia ''Freya''. Thoisich crìostachadh Lochlainn bho an seo san [[13mh Linn]], nuair a thogadh an [[eaglais]] ann am Frösön.<ref>Bonnier, Ann Catherine; Hägg Göran, Sjöström Ingrid, Gezelius Malin (2008). Svenska kyrkor: en historisk reseguide. Stockholm: Medström, 418-419. Libris 10867351, ISBN 978-91-7329-015-9</ref> Thàinig an t-[[Arm]] ann an [[1682]] agus bha gearstan mòr ann, gu ruige an [[21mh Linn]]. Leasaicheadh feachdan ann an Östersunf fad nan linntean: gunnaichean-mòra ann an [[1892]], pleànaichean-cogaidh ann an [[1926]] agus saighdearan-coise a bharrachd ann an [[1927]]. Chaidh baile ùr a thogail an seo ann an [[1786]] leis an Rìgh Gustav II, an dèidh dheasbaid a mhair bliadhnaichean.<ref>[http://runeberg.org/famijour/1881/0209.html Runeberg]</ref> Thàinig an rèile ann an [[1879]], a thug piseach air an [[eaconomaidh]].