An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Mora"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 18:
‘S e [[baile]] meadhanach ann an cridhe [[An t-Suain|na Suaine]] a th’ ann am '''Mora'''. Tha e suidhichte ann an [[tairbeart]] eadar [[Loch]] Siljan agus Loch Orsasjön,<ref>[http://www.siljanrunt.se/fardvagar/fv1/ Siljanrunt]</ref> 269km air falbh bho [[Stockholm]], prìomh-bhaile na [[Dùthaich|dùthcha]], 213km bho [[Uppsala]] agus 395km bho [[Göteborg|Ghöteborg]].<ref>[http://distancecalculator.globefeed.com/Country_Distance_Calculator.asp Distance Calculator]</ref> Tha 20,101 duine a' fuireach ann, 10,896 sa bhaile fhèin.<ref>[http://www.scb.se/sv_/Hitta-statistik/Statistik-efter-amne/Befolkning/Befolkningens-sammansattning/Befolkningsstatistik/25788/25795/Kvartals--och-halvarsstatistik---Kommun-lan-och-riket/399199/ SCB]</ref>
==Freumhan an Ainm==
Tha a h-uile coltas ann gur ann à ''mōr'' (aonach, mòinteach) ann an seann [[Suainis|shuainis]] a tha an t-ainm, a tha a' gabhail ri cruth na tìre.<ref>[http://runeberg.org/svetym/0572.html Runeberg]</ref> Bheireadh sin ''An t-Aonadh'' dhuinn sa [[Gàidhlig|Ghàidhlig]] an latha an-diugh. 'S e co-dhàimh leis [[A' Bheurla Ghallda]] ''muir'' a th' ann am ''mōr''.
 
==Eachdraidh==
Chaidh am baile mar a tha e an-diugh a stèidheachadh ann an [[1521]], nuair a bha An t-Suain ann an [[cogadh]] an aghaidh na [[An Danmhairg|Danmhairge]].<ref>[http://historiesajten.se/krigsinfo.asp?id=1 Historiesajten]</ref> A dh'aindeoin sin, tha fianais ann gu robh daoine ann o chionn 4,000 [[bliadhna]].