An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Uicipeid:Doras na coimhearsnachd"

Content deleted Content added
Moladh le liosta dhe chànanan
Loidhne 1,322:
::: Ruisis agus cànan sam bith eile far a bheil buidheann dhe luchd-ionnsachaidh ann. Fraingis?
::: --[[Cleachdaiche:GunChleoc|GunChleoc]] ([[Deasbaireachd a' chleachdaiche:GunChleoc|an deasbaireachd]]) 13:43, 3 dhen Iuchar 2016 (UTC)
 
Tha mi air a bhith a’ deasbad a’ chuspair seo aig [https://phabricator.wikimedia.org/T138973 phabricator.wikimedia.org/T138973], a’ smaoineachadh chan ann a-mhàin mu dheidhinn Uicipeid na Gàidhlig, ach mu dheidhinn chànanan eile cuideachd. Oir tha iomadh cànan Uicipeid aig a bheil cànanan eile a tha dlùth-chàirdean agus a ghabhadh an tuigsinn gun cus strì. Fhuair mi a-mach gun ''robh'' dòigh ann, fon t-seann siostam de liosta chànan fada aibideileach, anns am b’urrainn dhuinn iarraidh cànanan fa leth a bhith gan cur gu mullach an liosta. Ach ''chan eil'' sin ag obair fon t-siostam ùr, Compact language list, a th’ againn a-nise. Tha luchd-leasachadh Wikipedia a’ cur spéis sa chuspair ge-tà, agus chithear e fo “Backlog” air a’ [https://phabricator.wikimedia.org/tag/mediawiki-extensions-universallanguageselector/ Workboard] seo. Tha mi a’ smaoineachadh gum bu chòir dhuinn fuireach a dh’fhaicinn dé seòrsa acainn a chuireas iad air dòigh, agus an uair sin a faicinn ciamar as fhearr is urrainn dhuinn a cleachdadh air Uicipeid na Gàidhlig. --[[Cleachdaiche:Caoimhin|Caoimhin]] ([[Deasbaireachd a' chleachdaiche:Caoimhin|an deasbaireachd]]) 11:28, 8 dhen Iuchar 2016 (UTC)