An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Oilthigh an Rosario"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 10:
‘S e '''Oilthigh an Rosario''' ([[Spàinntis]]: ''Colegio Mayor de Nuestra Señora del Rosario'') fear dhe na oilthighean as cudromaiche ann an eachdraidh Choloimbia. Tha e suidhichte ann am [[Bogotá]]. ‘S e oilthigh prìobhaideach a th’ann agus chaidh e a steidheachadh ann an [[1653]].
 
Dhen bheachd iomadh luchd-ceuma uallach ‘s e "''Creathal na [[Poblachd]]''" a th’ann, leis gur e an seo far an do chuir iad oidheamachan na neo-eiseimileachd air ghleus agus tha a chuid oideachaidh air a bhith gu math cudromach gu beatha na dùthcha. Tha 28 [[Cinn-suidhe Choloimbia|cinn-suidhe]] na Poblachd air ceum a ghabhail an seo, a bharrachd air [[breitheamh|breitheamhan]], luchd-casaidean, àrd sheirbheisich na Stàite, oilthighich, ollamhan, luchd-[[lagh]] ainmeil agus daonairean. Fhuair Oilthigh An Rosario duais airson sàr-mhathanas airson sia bliadhna. Chaidh an duais sin ga thoirt seachad le Ministrealachd an Fhoghlaim, tro ordugh 2567 dhe 30mh [[an t-Ògmhios]] [[2005]].
 
Chaidh an colaiste “Colegio Mayor de Nuestra Señora del Rosario” a steidheachadh ann an [[1653]] le cead bhon Rìgh Felipe IV agus an àrd-easbaig a' bhaile Santa Fe, am Bràthair bochd Cristóbal de Torres. An uair sin, chaidh e a chur an cèill, tro Cùmhnant Rìoghal dhe [[1768]] a rèitich Rìgh Carlos III, gur e fìor dheagh cholaiste a bh’ann aig an aon ìre leis na sia sàr-cholaistean na [[An Spàinn|Spàinne]]. Le sin, bheireadh an Rosario an tradisean oilthigheach an Oilthigh Salamanca air adhart ann an Aimearaga.