An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Louis Charles Delescluze"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 12:
B' e fear-[[poileataigs]], fear-[[aithris]] agus [[rèabhlaideach]] [[Sòisealachd|sòisealach]] às [[An Fhraing]] a bh' ann an '''Louis Charles Delescluze''' ([[Dreux]], [[2 an Dàmhair]], [[1809]] - [[Paris]], [[25 an Cèitean]] [[1871]]).<ref>Marcel Dessal, Un révolutionnaire jacobin, Charles Delescluze, 1809 - 1871, [[1952]]</ref> Bha esan an lùib [[1871 Comann Pharis|a' Chomainn Phais]] agus chaidh a mharbhadh ga dhìon.
==Beatha==
Rugadh e ann an Dreux, eadar [[Chartres]] agus [[Évreux]], ann an ceann an tuath na Frainge.<ref>[http://muzeum-niepodleglosci.pl/xpawilon/jaroslaw-dabrowski/ Muzeum Niepodległości w Warszawie]</ref> nuair a bha an [[dùthaich]] fhathast fo bhuaidh [[Napoleon Bonaparte]] agus thogadh e tro [[bliadhna|bliadhnaichean]] dorcha na rìoghachd an a dhèidh. Bhuineadh e do [[teaghlach|theaghlach]] bhùirdeasach agus rinn e [[lagh]] san [[oilthigh]] ann am Paris. Cha robh e ach 21 bliadhna a dh' aois nuair a bha e an lùib na còmhstri airson na saorsa.
 
Ann an [[1859]] chaidh e do Sgoil Choitcheann Mhìcheil nan Àrd Oifigear (Ruisis: ''Николаевская академия Генерального штаба'') ann an Sankt Peterburg, far a thoisich e ann am [[poileataigs]]. Bha mòran oifigear, an dà chuid Ruiseanaich agus Pòlach, an lùib bhuidhne dhìomhair air an robh ''Tìr is Saorsa'' ([[Ruisis]]: ''Земля и воля''),<ref>Дьяков В. А. Ярослав Домбровский,: Издательство ЦК ВЛКСМ «Молодая гвардия», [[1969]]</ref> a ghabhadh a-steach daoine a bha meadhanach bheartach a bha a' gabhail ri rèabhlaid shòisealach air an [[dùthaich]]. B' e Dąbrowski airson atharraidhean sòisealta dha na daoine agus neo-eisimeileachd dhan Phòlainn. Ann an [[1862]] chaidh a chur gu [[Warszawa]] leis an 6mh roinn-fheachd Coise, far an do ghabh e pàirt ann an ''Ar-a-mach an Fhaoillich'' ([[Pòlais]]: ''powstanie styczniowe'')<ref>[http://www.se.pl/wiadomosci/opinie/warszawa-jaroslaw-dabrowski-afera-bemowska-to-intryga_651585.html SE]</ref> an aghaidh an tsar ann an [[1863]], ach thugadh grèim air leis gun do bhrathaich oifigear eile e is chaidh a thoirt air falbh do [[Sibèirea|Shibèirea]].<ref>Stefan Król, Cytadela warszawska, Książka i Wiedza, [[Warszawa]], [[1978]]</ref> Theich e ann an [[1865]] is chaidh e thall thairis dhan [[An Fhraing|Fhraing]].