An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Louis Charles Delescluze"

Content deleted Content added
Chaidh duilleag le "{{Teamplaid:Duine Ainmeil | AINM = Louis Charles Delescluze | DEALBH = Louis Charles Delescluze.jpg | RUGADH = 22px Dreu..." a chruthachadh
(Gun diofar eatarra)

Mùthadh on 12:50, 22 dhen Ògmhios 2016

Louis Charles Delescluze
Fiosrachadh
Rugadh Dreux, 2 an Dàmhair, 1809
Bàs Paris, 25 an Cèitean 1871)
Dreuchd Saighdear, Oifigear, Rèabhlaideach sòisealach
Cànan Fraingis
Dùthaich An Fhraing
Creideamh Neo-dhiadhaire

B' e fear-poileataigs, fear-aithisr agus rèabhlaideach sòisealach às An Fhraing a bh' ann an Louis Charles Delescluze (IPA: jaˈrɔswaf dɔmˈbrɔfskʲi, ainm slàn: Jarosław Żądło-Dąbrowski, far-ainmean Żądł - gath - agus Łokietek - stealladh -, Żytomierz, 18 an t-Samhain, 1836Paris, 23 an Cèitean 1871).[1] Bha esan an lùib a' Chomainn Phais agus chaidh a mharbhadh ga dhìon.

Beatha

Rugadh e ann an Żytomierz,[2] a bha sa Phòlainn fo bhuaidh na Ruise ach a tha san Ùcrain an latha an-diugh. Mac Wiktor Żądło-Dąbrowski à Dąbrówka agus Zofia Falkenhagen-Zaleska, bhuineadh e dhan teaghlach uachdarain Żądło-Dąbrowski z Dąbrówki h. Radwan. Chaidh e dhan Sgoil Saighdearachd ann am Brest - a tha sa Bhealaruis a-nis - ann an 1845, nuair a bha e dìreach 9 bliadhna a dh'aois air sàilleabh gun do bhàsaich a phàrantan[3] agus chuir e crìoch air a chuid sgoil ann an Sankt Peterburg an ceann 10 bliadhna. An uair sin chuir e seachad ceithir bliadhna na oifigear san Arm is e a' sabaid ann an aghaidh nan Czerkess sa Cabhcas às leth an tsar. Fhuair e bonn leis cho gaisgeach 's a bha e.

Ann an 1859 chaidh e do Sgoil Choitcheann Mhìcheil nan Àrd Oifigear (Ruisis: Николаевская академия Генерального штаба) ann an Sankt Peterburg, far a thoisich e ann am poileataigs. Bha mòran oifigear, an dà chuid Ruiseanaich agus Pòlach, an lùib bhuidhne dhìomhair air an robh Tìr is Saorsa (Ruisis: Земля и воля),[4] a ghabhadh a-steach daoine a bha meadhanach bheartach a bha a' gabhail ri rèabhlaid shòisealach air an dùthaich. B' e Dąbrowski airson atharraidhean sòisealta dha na daoine agus neo-eisimeileachd dhan Phòlainn. Ann an 1862 chaidh a chur gu Warszawa leis an 6mh roinn-fheachd Coise, far an do ghabh e pàirt ann an Ar-a-mach an Fhaoillich (Pòlais: powstanie styczniowe)[5] an aghaidh an tsar ann an 1863, ach thugadh grèim air leis gun do bhrathaich oifigear eile e is chaidh a thoirt air falbh do Shibèirea.[6] Theich e ann an 1865 is chaidh e thall thairis dhan Fhraing.

Dh' fhàs e gu math dlùth air rèabhlaidich eile a bha an aghaidh na stàite, mar Louis Charles Delescluze, Eugène Varlin agus Auguste-Jean-Marie Vermorel. B' ann ann am Paris a chaochail e, nuair a bha e dìreach 34 bliadhna a dh'aois, agus na caraidean aige. Chaill An Fhraing cogadh an aghaidh na Prùise agus bha am baile air a chuairteachadh le feachdan bho thall thairis. Thoisich ar-a-mach nan daoine bochda an aghaidh nan Gearmailteach, an Riaghaltais agus nan Monarcach.[7] Bha an eòlas armach aig Dąbrowski gu math feumail agus, a bharrachd air a bhith na comhairleach, bha e cuideachd os cionn feachdan a' Chomainn, mar a chanadh ris an ar-a-mach. Chaidh a mharbhadh a' dìon na rèabhlaide.

Urraman

Dh'ainmicheadh iomadh sràid sa Phòlainn an a dhèidh agus b' e Dąbrowszczacy a chanadh ri na Pòlainnich a shabaid airson na Poblachd anns a' Cliath-chòmhraig Dhąbrowski, aig àm Cogadh Sìobhalta na Spàinne, eadar 1936 agus 1939.

Aistean co-cheangailte

Ceanglaichean A-muigh

Iomraidhean

  1. Rozaiowski W, Żywot jenerała Jarosława Dąbrowskiego. Lviv, 1878
  2. Muzeum Niepodległości w Warszawie
  3. R. Dubois, À l'assaut du ciel : la Commune racontée par Raoul Dubois, Les Éditions ouvrières, Paris, 1991 (ISBN 2-7082-2880-3)
  4. Дьяков В. А. Ярослав Домбровский,: Издательство ЦК ВЛКСМ «Молодая гвардия», 1969
  5. SE
  6. Stefan Król, Cytadela warszawska, Książka i Wiedza, Warszawa, 1978
  7. Zdrada, Jerzy. JAROSŁAW DĄBROWSKI: 1836–1871. Kraków: Wydawnictwo Literackie, 1973