An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Coinneach Odhar"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 21:
Mar a thachair a thaobh a' Ghreugaich chliùitich sin, [[Homer]], chan eil fhios le cinnt càite an do rugadh Coinneach, ach b' e beachd a' mhòr-shluaigh gum b' e Baile na Cille ann an [[Ùig]], Eilean [[Leòdhas|Leòdhais]] àite a bhreith. Bha iad a' creidsinn gun do rugadh e mun t-seachdamh linn deug, ach bhon phàipeir air an deachaidh bruidhinn mu thràth tha fhios againn a-nis gun robh e beò còrr is ceud bliadhna roimhe sin.
 
Tha caochladh sgeulachdan neònach air an innse mu làithean òige Choinnich. Tha e air a ràdh gun d' fhuair e grèim uaireigin air cloich a bha anabarrach bòidheach an [[dath]] is an cumadh, is toll tro meadhan. An uair a bheireadh e sùil troimhpe chitheadh e sealladh air rudan a bha gu teachd.
 
Bha feadhainn a' cantainn gun d' fhuair e a' chlach dhìomhair seo bho thaibhse nighean rìgh Lochlainn. Ceudan bliadhna roimhe sin chaidh am bàta air an robh a' bhean-uasal seo a' seòladh a chall mu chladaichean an iar Leòdhais.