An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Fèisean nan Gàidheal"

Content deleted Content added
b seachdainn->seachdain
 
Loidhne 1:
Ged a tha iomadh ciall aig an fhacal 'fèis', don a mhòr-chuid de dhaoine an-diugh tha e co-ionnan ri iomairt nam [[Fèisean]], buidheann de dh'fhèisean-teagaisg air feadh [[Alba]] far am bi daoine, is gu h-àraid daoine òga, ag ionnsachadh agus a' taisbeanadh nan ealan [[Gàidhlig]].
 
Tha fèisean a' toirt cothrom do dhaoine a thighinn còmhla airson an sgilean ann an seinn, dannsa, dràma agus ceòl traidiseanta a leasachadh. Tha an teagasg beòthail agus spòrsail, ach proifeasanta agus eifeachdach. 'Se fèis-seachdainnseachdain bhliadhnail am prìomh thachartas aig a' mhòr-chuid de na fèisean, ach tha àireamh nam fèisean a tha a' tabhann phrògraman de chlasaichean leanntainneach fad na bliadhna airson seirbhisean a chumail suas a' sìor-dhol am meud.
 
== [[Fèis Bharraigh]] ==
 
Chaidh a' chiad [[Fèis Bharraigh|fhèis]] a chur air bhog nuair a thòisich buidheann de phàrantan ann am [[Barraigh]] a' gabhail dragh gun robh dualchas an eilein a' dol bàs is nach robh an cuid chloinne ag ionnsachadh ceòl traidiseanta anns an sgoil. Mar dhòigh gus an suidheachadh seo a leasachadh chaidh a' chiad Fhèis Bharraigh a chumail anns an Eilean ann an 1981.
 
Nuair a chualas cho mòr is a shoirbhich le Fèis Bharraigh, thòisich coimhearsnachdan air feadh Alba a' cur nam fèisean aca fhèin air dòigh. Bha Fèis Bharraigh 21 bliadhna a dh'aois ann an 2002, agus 22 bliadhna bho 'rugadh' i, tha còrr is 35 fèisean ann, gach tè dhiubh ga ruith leis a' choimhearsnachd agus air a dealbhadh gus feumalachdan na sgìre a fhrithealadh. Tha a' mhòr-chuid de dh'Fhèisean fhathast gan ruith le comataidean saor-thoileach.