An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Porfirio Barba Jacob"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 25:
== Beatha ==
 
Rugadh Porfirio Barba Jacob ann an Santa Rosa de Osos, [[Antioquia (Roinn)|Antioquia]], air an [[29 an t-Iuchar|29mh latha dhen Iuchar]] [[1883]],<ref>[http://www.poemas-del-alma.com/porfirio-barba-jacob.htm Poemas de Alma]</ref> agus b’ e mac Antonio María Osorio agus Pastora Benítez a bh’ ann. Thogadh e aig [[taigh]] a shean phàrantan ann an [[Angostura (Antioquia)|Angostura]] agus ann an [[1895]] thoisich e [[taistealachd]] mhòr agus chaidh e gu iomadh [[baile]] ann an Coloimbia agus, bho [[1907]], gu [[Aimearaga Mheadhanach]] agus [[Na Stàitean Aonaichte]]. 'S e àite làn chultair [[Eaglais Chaitligeach|na h-Eaglaise Caitligiche]] a th' ann Santa Rosas de Osos, fiù' s an latha an-diugh.
 
Ann an dòigh, b’ e taistealachd mhairinneach dhoirbh tro iomadh dùthaich anns [[Na h-Aimearagan]] bh’ ann a bheatha. Chuir e seachad greiseag no dhà ann an [[Guatamala]], [[Honduras]], [[Costa Rica]], [[El Salbhador]], [[Cuba]], [[Pearu]] agus [[Meagsago]]. Bha esan an lùib a h-uile seòrsa foillseachadh litreachail agus poileataigeach.<ref>[http://eltriunfodearciniegas.blogspot.co.uk/2013/01/porfirio-barba-jacob-uno-de-los-malditos.html El Triumfo de Arciniegas]</ref> Bha e gu math connspaideach agus gabhadh e a-riamh ri sgannal, rud a thug piseach air eachdraidh a bheatha agus buaidh a chuid bhàrdachd.