An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Gnàth-shìde"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 5:
Bheir [[domhan-leud]], cruth na tìre agus [[àirde]] buaidh mhòr air gnàth-shìde sgìre, a bharrachd air [[Loch|lochan]], [[Muir|marannan]] agus an cuid sruthan. Bidh gnàthan-shìde air an seòrsachadh a rèir nam figearan cuibheasach agus nan raointean àbhaisteach a th' aca, mar as àbhaist teodhachd agus sileadh. 'S e an siostam Köppen, air a dhealbhadh le Wladimir Köppen, am bithear a' cleachdadh mar as trice.<ref>[https://portal.dnb.de/opac.htm?method=simpleSearch&query=118713418 DNB]</ref> Tha siostam eile ann - an siostam Thornthwaite - a tha air a bhith ga chleachdadh bho [[1948]] a-mach, a bheir a-steach dèabh thar-analachadh, còmhla ri fiosrachadh mu theodhachd/sileadh agus thathar ga chleachdadh ann an rannsachadh mu bhith-iomadachd agus a' bhuaidh a bheir atharraidhean na Gnàth-shìde oirre.<ref>[http://agron-www.agron.iastate.edu/courses/Agron541/classes/541/lesson08a/8a.3.html Argon]</ref> 'S ann air freumhan nan tomadan adhair - a chruthaicheas gnàth-shìde na sgìre - a tha na siostaman Bergeron agus Spacial Synoptic stèidhichte.<ref>[http://www.udel.edu/SynClim/ssc.html UDEL]</ref>
 
'S e rannsachadh mu ghnàth-shìde àrsaidh a th' ann am paleo-eòlas-ghnàth-shìde. Bidh luchd-rannsachaidh a' cruthachadh mhodailean stèidhichte air caochladairean progsaidh mar fhianais neo-bhitheach mar ghrùidean air an lorg anns na h-ìrean lacustain agus bun-deighe, agus fianais bhitheach mar fhàinneachan chraobhan agus corail, air sàilleabh nach eil figearan ann mu na làithean ron [[19mh Linn]].<ref>[http://geology.uprm.edu/Classes/GEOL4046/for4046/Terre-2.pdf UPRM]</ref> 'S e modailean matamataigeach nan gnàthan-shìde a dh'fhalbh, a th' ann a-nis air neo a tha ri teachd a th' ann modailean gnàthan-shìdeil. Faodaidh atharrachadh na gnàth-shìde a thachairt fad ùine fhada no ghoirid air sgàth caochladh factar: 's e atharrachadh gu math ùr a th' ann [[blàthadhblàthachadh na cruinne]].<ref>[http://cambioclimaticoglobal.com/que-es-el-calentamiento-global Cambio Climátoco Global]</ref>
 
==Ceanglaichean A-muigh==