An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Taisead"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
'S ann à [[deatach]] an [[uisge]] a tha san [[àile]], a bheir buaidh air [[Gnàth-shìde|a' Ghnàth-shìde]], a thig '''taisead'''. 'S e gum bi an deatach a' tighinn às na [[Muir|marannan]] agus [[Cuan|cuantan]], [[Abhainn|na h-aibhnichean]], [[Loch|lochan]], [[Lus|lusan]] agus rudan eile a tha beò tro [[Deatachadh|dheatachadh]]. Tha na shùigheas an [[adhar]] de dh' uisge crochte air an [[teodhachd]] a th' ann. Sùighidh adhar blàth nas motha na adhar a tha fuar. Cleachdar fliche-inneal ris an taisead a mheudachadh. Chan eil deatach an uisge cho tiugh na an t-adhar agus le sin, chan eil an t-adhar bog (adhar agus deatach an uisge ri chèile) cho tiugh na an t-adhar tioram. A bharrachd air sin, bidh gach rud a tha blàth a' leudachadh, a bheir an [[dlùths]] air falbh. Le sin, bidh an t-adhar blàth - a tha làn dheatach an uisge - ag èirigh suas ann an àile. Thig teodhachd na h-àile sìos mu 0.6 °C airson gach 100m ann an adiabataig bhog, agus mu 1.0 °C, ann an adiabataig thioram. Nuair a thig deatach an uisge gu àiteachan a tha nas fhuaire co-dhlùthaichidh e agus bidh [[sgòth|sgòthan]] ann (boinnealaich uisge air neo criostalan-deighe). Tuitidh iad dhan [[talamh]] nuair a bhios iad gu math trom mar [[sileadh|shileadh]] no [[sneachd]].
 
==Ceanglaichean A-muigh==