An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Sileadh"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 1:
[[Faidhle:Regnbyge.jpg|thumb|right|250px|Sileadh anns an Danmhairg]]
Ann an sìde-eòlas agus ann an [[gnàth-shìde]], 's e a h-uile sèorsa uisge a thuiteas bhon [[àile]] agus a ruigeas an [[talamh]] a th' ann an '''sileadh'''<ref>[http://www.meteofrance.fr/publications/glossaire?articleId=153276 Météo France]</ref> ([[Gàidhlig Mhanainn]]: ''Frassaghey'', [[Gaeilge]]: ''báisteach''). Bheir sin a-steach [[uisge]] fhèin, ceòban, [[sneachd]], [[flin]], clachan-meallain, ach cha toir sin a-steach bhiorga, [[ceò]] air neo [[driùchd]], a tha nas coltaiche ri co-dhlùthachadh na sileadh fhèin. Canar [[uisge-adhair]] ris na tuiteas de shilidh air an aon àite.<ref>Ernst Erhard Schmid (Herausgeber): Grundriss der Meteorologie. Verlag von Leopold Voss, [[Leipzig]], [[1862]]</ref>
 
Tha sileadh na phàirt gu math cudromach a' cearcaill uisge, leis gun toir e bùrn ùr dhan talamh, a bhrosnaicheas am [[beatha]] sa [[planaid|phlanaid]] againn, an dà chuid do dh' [[Beathach|ainmhidhean]] agus do [[lus|lusan]], a dh' fheumas an t-uisge airson a thighinn beò.<ref>[http://img.kb.dk/tidsskriftdk/pdf/gto/gto_0038-PDF/gto_0038_68948.pdf Leo Lysgaard, Nogle Undersøgelser over Nedbørforholdene i Danmark, Geografisk Tidsskrift, [[1935]]]</ref> 'S ann anns na [[sgòth|sgòthan]] a thoisicheas an sileadh, is tuitidh an t-uisge ann am boinnealaich nuair a bhios na sgòthan loma-làn, is bheir cumhachd [[iom-tharraing|iom-thàirnge]] gu [[tìr]] iad. 'S urrainnear sgòthan a chruthachadh gus an sileadh a thoirt dhan talamh ma sgaoilear [[Eileamaid cheimigeach|stuth ceimigeach]] san [[adhar]] (mar airgead-niotrait) a-measg nan sgòthan.<ref>Rákóczi Ferenc, Életterünk a légkör, Mundus Magyar Egyetemi Kiadó, [[Budapest]], [[1998]].</ref> Bheir sin piseach air na boinnealaich agus bidh sileadh an lùib an ceann greiseig, ged nach eil an sileadh seo fhathast cho math 's a ghabhas.