An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Gnàth-shìde"

Chaidh 1 bhaidht a thoirt air falbh ,  4 bhliadhnaichean air ais
gun ghearr-chunntas deasachaidh
[[Faidhle:Map world climate zones (simplified to 10)-fr.svg|thumb|right|300px|Mapa Sìmplidh Gnàthan-shìde na Cruinne]]
 
'S e figearan (mar as àbhaist, cuibheasachd air neo seachranachd) [[aimsir|na h-aimisire]] san [[àile]] fad 30 [[bliadhna]] a th' ann an '''gnàth-shìde'''.<ref>[http://www.ipcc.ch/pdf/glossary/ar4-wg1.pdf IPCC]</ref> Bithear a' meudachadh phàtarain fiaraidh ann an [[ìre-teothachd]], [[taisead]], bruthadh na h-àile, [[Gaoth]], agus [[sìleadhsileadh]], agus bithear a' cunntadh nam bloigheagan san àile agus rudan caochlaidheach eile na sìde ann an sgìre air choireigin fad ùine caran fada. 'S ann gu math eadar-dhealaichte 's a tha gnàth-shìde bhon aimsir, leis nach eil an aimsir a' toirt thugainn ach iomradh air an t-suidheachadh fad ùine gu math goirid.<ref>[http://www.nasa.gov/mission_pages/noaa-n/climate/climate_weather.html NASA]</ref> 'S e siostam gnàth-shìdeach na sgìre a chruthaicheas a' ghnàth-shìde, air a stèidheachadh air na còig eileamaidean a leanas: an àile, an haidro-chruinne, a' chridheo-chruinne, a' chlach-chruinne agus a' bith-chruinne.
 
Bheir [[domhan-leud]], cruth na tìre agus [[àirde]] buaidh mhòr air gnàth-shìde sgìre, a bharrachd air [[Loch|lochan]], [[Muir|marannan]] agus an cuid sruthan. Bidh gnàthan-shìde air an seòrsachadh a rèir nam figearan cuibheasach agus nan raointean àbhaisteach a th' aca, mar as àbhaist teodhachd agus sileadh. 'S e an siostam Köppen, air a dhealbhadh le Wladimir Köppen, am bithear a' cleachdadh mar as trice.<ref>[https://portal.dnb.de/opac.htm?method=simpleSearch&query=118713418 DNB]</ref> Tha siostam eile ann - an siostam Thornthwaite - a tha air a bhith ga chleachdadh bho [[1948]] a-mach, a bheir a-steach dèabh thar-analachadh, còmhla ri fiosrachadh mu theodhachd/sileadh agus thathar ga chleachdadh ann an rannsachadh mu bhith-iomadachd agus a' bhuaidh a bheir atharraidhean na Gnàth-shìde oirre.<ref>[http://agron-www.agron.iastate.edu/courses/Agron541/classes/541/lesson08a/8a.3.html Argon]</ref> 'S ann air freumhan nan tomadan adhair - a chruthaicheas gnàth-shìde na sgìre - a tha na siostaman Bergeron agus Spacial Synoptic stèidhichte.<ref>[http://www.udel.edu/SynClim/ssc.html UDEL]</ref>
35,754

deasachadh