An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Ùranas (planaid)"

Content deleted Content added
Ceartachadh nan àireamhan.
Seann-ghreugais
Loidhne 77:
 
 
Is '''Ùranas''' no '''Urànus''' (o Sheann-Ghreugais ''Οὐρανός'' tro Laideann ''Uranus'') an t-seachdamh planaid on ghrian. Tha an treas rèideas planaideach as motha agus an ceathramh tomad planaideach as motha aige san rian-grèine againn. Tha stuthan Ùranais coltach ri stuthan Neaptuin, ach tha na stuthan ceimigeach aca diofraichte on fheadhainn aig na famhairean gasa nas motha, siud am [[Bliogh]] agus [[Satarn]]. 'S ann air an adhbhar seo gun cuir na h-eòlaichean "fuamhairean deighe" air Ùranas agus Neaptun gus an diofar eatorra is na fuamhairean gas a nochdadh. Tha àile Ùranais coltach ri feadhainn a' Bhliogh agus Satairn on a tha a' mhòrchuid dhe 'na hàidhdreaidean is hilium ach tha barrachd "deighean" aige mar uisge, amòinia agus methan cho math ri lorgan hàidhdrea-charbonan eile.<ref name="Lunine 1993" /> 'S e an t-àile planaideach as fhuaire sa rian-ghrèine a th' ann agus is 49 K (−224.2 °C) an teothachd as lugh agus tha breathan neòil iom-fhillte aige. Thathar dhen bheachd gu bheil an t-uisge pailt sna neòil as ìsle agus methan sna neòil as àirde.<ref name="Lunine 1993" /> Tha a' mhòrchuid dhe mheadhan Ùranais 'na dheighean is clach.<ref name="Podolak Weizman et al. 1995" />
 
Chan fhaicear Ùranas leis an t-siùil lom ach gu fann. Chaidh a lorg le [[William Herschel]]. 'S e planaid uaine/glas a tha ann.