An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Na Dàrdainealan"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 14:
}}
'S e [[caol|caolas]] anns [[An Tuirc]] a th' anns '''Na Dàrdainealan''' ([[Turcais]]: ''Çanakkale Boğazı'', [[IPA]]: ''tʃaˈnakkaˌle''). Tha e suidhichte eadar [[Aisia]] agus an [[Roinn-Eòrpa]] anns an roinn Marmaris agus 's e an ceangal mara eadar [[Am Muir Àigeanach]] agus [[Muir Mharmara|A' Muir Mharmara]]/[[Bòsfaras]] a th' ann. Tha an caolas 61km a dh'fhaide (eadar Sedd el Bahr agus Gallipoli). Chan eil Na Dàrdainealan idir domhainn, dìreach 55m thar cheann. Tha salannachd mheadhanach aige, eadar 15.01psu agus 18.64 psu.<ref>[http://adsabs.harvard.edu/abs/2010EGUGA..12.4273A Harvard]</ref> Ged nach eil [[freumh-fhaclachd]] an ainm seo idir cho soilleir, tha e coltach gur ann à ''Dardanium'', baile nan Greugach a bh' ann an seo o chionn a tha an t-ainm a thathar a' cleachdadh san Roinn-Eòrpa.<ref>[http://www.perseus.tufts.edu/hopper/text?doc=Perseus%3Atext%3A1999.02.0137%3Abook%3D5%3Achapter%3D33#note17 Perseus]</ref> Canar ''Çanakkale'' (Gàidhlig: Dùn nam Poit) ris ann an [[Turcais]], leis gu bheil am baile seo faig air làimh. Tha luchd-rannsachaidh dhen bheachd gun do chruthaicheadh Na Dàrdainealan mu 5600 RC, nuair a bha ìre na [[muir|mara]] a' sìor-fhàs an dèidh [[Linn na Deighe]].<ref>Ryan, W.B.F., Pitman, W.C.; et al. ([[An Giblean]] [[1997]]). "An Abrupt Drowning Of The Black Sea Shelf". Marine Geology 138: 119–126. </ref>
==Bailtean==
*[[Istanbul]]
 
== Iomraidhean ==
<references/>