An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Martin Bagge"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
[[Faidhle:Martin Bagge 01.JPG|thumb|right|200px]]
'S e seinneadair, sgrìobhadair-ciùil agus ceòladair às [[An t-Suain]] a th' ann am '''Martin Bagge''' ([[Mölnlycke]], [[20 an t-Samhain]] [[1958]]).<ref>[http://www.mcv.se/martin-bagge/ MCV]</ref> Chaidh e dhan sgoil-chiùil aig [[Oilthigh Ghöteborg]], far a rinn e rannsachadh air na seann sgrìobhadairean visa mar Carl Michael Bellman, - [[Raibeart Burns]] na Suaine - Olof von Dalin agus Lucidor.<ref>[http://www.musikattminnas.se/PDF/Utantill-haeftet.pdf Musik att Minnas]</ref> A thuilleadh air sin, tha e air [[bàrdachd]] aig [[Harry Martinson]] agus Elizabeth Hermodsson a chur gu ceòl. Tha e ainmeil taobh a-staigh na [[dùthaich|dùthcha]] aige airson a chuid obrach air ceòl traidiseanta ''visa''.<ref>[http://www.svd.se/det-varas-for-bengtsson-och-hans-vikingar Svenska Dagbladet]</ref> Tha e air a bhith an lùib ciùil san dùthaich aige fhèin fad a bheatha. Fhuair e ballrachd na ''Svenska Visakademien'' ann an [[2001]].<ref>[http://visakademien.se/ Visakademien]</ref> Cho-obraich e còmhla ri Alf Hambe, Lars Jansson, Lars Danielsson agus Dan Berglund. Cuideachd sheinn e na sgrìobh Bellman thall thairis sa [[A' Ghearmailt|Ghearmailt]] agus san [[An Danmhairg|Danmhairg]].<ref>[http://www.bellman-net.de/ Bellman]</ref>
==Clàir==
*[[1984]] – ''Så drivs vi''