An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Helsingborg"

Chaidh 408 baidht a chur ris ,  4 bhliadhnaichean air ais
‘S e baile<ref>[http://www.svenskgeografi.se/laen/skaane/54975-helsingborg.html Svensk Geografi]</ref> uabhasach mòr agus [[port]]<ref>[http://www.port.helsingborg.se/ Helsingborgs Hamn]</ref> cudromach air an àirde an iar-dheas [[An t-Suain|na Suaine]] a tha ann an '''Helsingborg''' ([[IPA]]: /hɛlsiŋˈbɔrj/, [[Liotuànais]]: Helsingborgas, [[Laideann]]: Helsingoburgum). Tha e suidhichte air [[Caol|caolas]] air a bheil Öresund, a sgarras an t-Suain bho [[Danmhairg]], aig 13m os cionn ìre na [[Muir|mara]],<ref>[http://population.mongabay.com/population/sweden/2706767/helsingborg Mongabay]</ref> anns an roinn ([[Suainis]]: län) Skåne,<ref>[http://www.ne.se/helsingborg/201209 Nationalencyklopedin]</ref> 484km air falbh bho [[Stockholm]] ([[prìomh-bhaile]] na dùthcha), 49km bho [[Lund]], 513km bho [[Uppsala]], 191km bho [[Göteborg]] agus 1,189km bho [[Boden|Bhoden]].<ref>[http://distancecalculator.globefeed.com/World_Distance_Calculator.asp Distance Calculator]</ref> Chaidh Helsingborg a stèidheachadh air [[21 an Cèitean]] [[1085]] leis an rìgh Knut IV.<ref>[http://www.helsingborg.nu/index/historia/hg98ep03.htm HelsingsborgsGuiden]</ref> Tha 97,122 duine a' fuireach ann.<ref>[http://www.scb.se/ Statistika Centralbyrån]</ref> 'S e an naoidheamh baile as motha na Suaine a tha ann cuideachd.<ref>[http://www.geonames.org/SE/largest-cities-in-sweden.html Geonames]</ref> Tha an Danmhairg cho faisg air a' bhaile gum chithear [[Helsingør]] air an taobh thall a' Chaolais.
 
==Freumhan an Ainm==
Ged nach eil [[freumh-fhaclachd]] an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à ''hals'' ([[Gàidhlig]]: [[amhach]]) agus ''borg'' (dùn) a tha an t-ainm.<ref>[http://runeberg.org/svetym/0144.html Runeberg]</ref> Bheireadh sin ''Dùn an Amhaich'' dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh agus ''Halseburgh'' sa [[Beurla Ghallta|Bheurla Ghallta]]. Tha sin a' gabhail ri cruth na tìre.
== Eachdraidh ==
Chaochail an neach-ealaine [[Ivar Kamke]] an seo ann an [[1936]].<ref>[https://sok.riksarkivet.se/sbl/Presentation.aspx?id=12336 Riksarkivet]</ref>
35,754

deasachadh