An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Aonadh Kalmar"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 14:
| RO-THEACHDAICHE = An t-Suain
| BRATACH_RO-THEACHDAICHE = Flag of Sweden.svg
| RO-THEACHDAICHE_2 = An Danmhairg
| BRATACH_RO-THEACHDAICHE_2 = Flag of Denmark.svg
| RO-THEACHDAICHE_3 = Nirribhidh
| BRATACH_RO-THEACHDAICHE_3 = Flag of Norway.svg
| IAR-THEACHDAICHE = An t-Suain
| BRATACH_IAR-THEACHDAICHE = Flag of Sweden.svg
| IAR-THEACHDAICHE_2 = An Danmhairg
| BRATACH_IAR-THEACHDAICHE_2 = Flag of Denmark.svg
}}
B' e [[stàit]] air a stèidheachadh air aonadh pearsanta an Rìgh a bh' ann '''An t-Aonadh Kalmar''' ([[Danmhairgis]]/[[Nirribhis]]/[[Suainis]]: ''Kalmarunionen'', [[Laideann]]: ''Unio Calmariensis'').<ref>[http://www.sydsverige.dk/?pageID=314 Sydsverige]</ref> Chaidh a chruthachadh ann an [[Kalmar]] ann an [[1397]] tro aonadh [[An Danmhairg|Rìoghachd na Danmhairge]], [[Nirribhidh|Rìoghachd Nirribhidh]] agus [[An t-Suain|Rìoghachd na Suaine]]. Chruthachadh An t-Aonadh Kalmar air sàilleabh gu robh cunnart ann gum fàsadh an Lìog Hansa na bu chumhachaile ann an [[Lochlann]] agus thar na [[Am Muir Baltach|Mara Baltaich]].<ref>[https://snl.no/Kalmarunionen Store Norske Leksikon]</ref> Cha b' e aon stàit a bh' ann, ach trì stàitean - agus an cuid cholonaidhean - fo stiùireadh aon Rìgh. B' ann ann an [[Halmstad]] a rèiteachadh cò a bhiodh na Rìgh. Cha do mhair An t-Aonadh Kalmar o chionns gur robh coimhearachd ann bho [[Uachdaran|uaislean]] na Suaine.<ref>[http://www.axl.cefan.ulaval.ca/europe/kalmar-union.htm Université Laval]</ref> Ged a bha an stàite ann fad 126 [[bliadhna]], thathar a' fàgail air nach robh ach a' chaoile ghorm a bh' ann.<ref>[http://www.so-rummet.se/kategorier/kalmarunionen Rummet]</ref> Bhris An t-Aonadh Kalmar a-mach às a chèile ann an [[1523]] mu dheireadh thall, ged a lean Nirribhidh fo buaidh na Danmhairge gu ruige [[1827]].<ref>[http://danmarkshistorien.dk/leksikon-og-kilder/vis/materiale/kalmarunionen-1397-1523/ Danmarks Historien]</ref> Cha b' urrainn dha na Rìghrean an t-aonadh pearsanta atharrachadh gu stàit aonadach. B' e sin a bha aig cnag na cùise ann an còmhstri eadar An Danmhairg agus [[A' Phrùis]] fad an [[19mh Linn]].<ref>[http://fortress-scandinavia.dk/Slesvigske-krige/index.htm Fortress Scandinavia]</ref> Ghabh An t-Aonadh Kalmar a-steach sgìrean mòra ann an [[A' Ghraonlainn]], [[Suòmaidh]], [[An Ruis]], [[A' Ghearmailt]], [[Innis Tìle]] agus - a bharrachd air [[Arcaibh]] agus [[Sealtainn]] ann an [[Alba]].