An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Nyköping"

Content deleted Content added
Loidhne 20:
Tha e coltach gur ann à dà fhacal ann an [[Suainis]]: ''nya'' ([[ùr]]) agus ''köping'' (margaidh) a tha an t-ainm.<ref>[http://runeberg.org/svetym/0500.html Runeberg]</ref> Bheireadh sin ''An Fhèill Ùr'' dhuinn sa [[Gàidhlig|Ghàidhlig]] an latha an-diugh. 'S e co-dhàimh leis a' Bheurla ''chipping/shopping'' agus a' Ghearmailtis ''kaufen'' a th' ann.
==Eachdraidh==
Thachair A' Bhangaid Nyköping (Suainis: ''Nyköpings gästabud'') an seo ann an [[1317]]. Chuir an rìgh ionadail Birger fiathachadh dha bhràthairean. Chuir e san toll-dubh iad agus chaochail iad leis an ocras.<ref>Grenholm, Gunvor; Rosén, Jerker; Carlsson, Sten; Cornell, Jan, ([[1977]]). Den svenska historien. 2, Från Birger Jarl till Kalmarunionen. Stockholm: Bonnier. Libris 145050. ISBN 91-0-042663-6</ref> Fhuair am baile a chuid chòirichean a thaobh chìsean agus malairt ann an [[1440]]. Rinn teintean sgrios agus milleadh air Nyköping ann an [[1665]] agus Feachd na Ruise an aon rud ann an [[1709]]. Bha taigh-gnìomhachais SAAB ann an Nyköping fad bliadhnaichean, mus do dhùnadh e ann an [[1987]]. Chaill corr is 2,000 duine an dreuchdan.<ref>[http://www.sn.se/polopoly_fs/1.561819.1259760309!/sn-saab-20090131.pdf Lördagen]</ref> Thogadh bunait Feachdan an Adhair aig àm an [[Dàrna Cogadh|Dàrna Cogaidh]] agus bha sgoil am paidhleat aig Brandholmen bho [[1963]] gu ruige [[1985]]. Dhùnadh a' bhunait ann an [[1980]] agus 's e port-adhair sìobhalta a th' ann an latha an-diugh, air a bheil Skavsta.<ref>[http://www.flyghistoria.org/kronologi/1940_1949.pdf Svensk Flyghistorik Förening]</ref>
 
==Daoine Ainmeil==