An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Blekinge län"

Content deleted Content added
Chaidh duilleag le "{{Template:Roinn | AINM = Blekinge län | BRATACH = | LÙIREACH = Blekinge vapen.svg | LÙIREACH_LEUD = 100 | MAPA = SverigesLän2007Blekinge.svg..." a chruthachadh
(Gun diofar eatarra)

Mùthadh on 22:19, 28 dhen Ghiblean 2016

Blekinge län
Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An t-Suain
Prìomh-bhaile Karlskrona
Stèidhichte 1683
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 2,941 km²
Àireamh-shluaigh 156,253 (2015)
Dlùths 53.13/km²
Àireamh fòn + (46) 04
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e Roinn (Suainis: län) na Suaine a th' ann an Blekinge län (IPA: bleːˈkɪŋə, Suomais: Blekingen lääni). Tha i na laighe ri taobh na Mara Bhaltaich, ann am ceann a deas na dùthcha, gu deas air Kronobergs län agus Kalmar län. 'S e Karlskrona a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1683. Sìnidh Blekinge län fad 2,941km² agus tha 156,253 duine a' fuireach ann.[1] Le sin, 's e an 21mh roinn as motha na Suaine a thaobh talmhainn agus an 19mh tè as motha a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Suainis tha ga bruidhinn an seo. Chan eil ach 13 sgìrean-riaghlaidh sa roinn seo, Karlskrona nam measg.

Freumhan an ainm

Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à blēka (Gàidhlig: fèath) ann an Suainis a tha an t-ainm.[2]

Eachdraidh

B' e Erik friherre Siöblad a' chiad riaghladair nan roinne.[3]

Iomraidhean

  1. SCB
  2. Runeberg
  3. Elgenstierna, Gustaf, red (1925-1936). Den introducerade svenska adelns ättartavlor. Stockholm: Norstedt