An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Ciudad Real"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 17:
| DUILLEAG = [http://www.ciudadreal.es Duilleag Oifigeil]
}}
’S e [[baile]] meadhanach faisg air [[Toledo]] ann an cridhe [[An Spàinn|na Spàinne]] a th’ ann an '''Ciudad Real''' ([[IPA]]: '' θjuˈðað reˈal''). Tha e suidhichte aig 628m os cionn ìre na [[Muir|mara]],<ref>[http://www.aemet.es/es/serviciosclimaticos/datosclimatologicos/valoresclimatologicos?l=4121&k=clm Aemet]</ref> 204km air falbh bho [[Madrid|Mhadrid]], prìomh-bhaile na Spàinne, agus 583km bho [[Barcelona|Bharcelona]].<ref>[http://distancecalculator.globefeed.com/World_Distance_Calculator.asp Distance Calculator]</ref> Tha 74,427 duine a’ fuireach ann an Ciudad Real.<ref>[http://www.ine.es/ Cunntas-sluaigh na Spàinne]</ref> A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na [[Ciudad Real (provincia)|Roinne Ciudad Real]] a th’annth' ann cuideachd.
== Freumhan an ainm ==
Tha e soilleir gur e dìreach dà fhacal san Spàinntis a th' ann an t-ainm seo: ''ciudad'' ([[Gàidhlig]]: baile mòr) agus ''real'' (Gàidhlig: rìoghail). Bheireadh sin ''Baile Rìoghail'' dhuinn sa [[Cànan|chànan]] againne fhèin. Thug an rìgh Alfonso X ainm ùr dhan àite ann an [[1255]]<ref>Ciudad Real, 1500-1750: Growth, Crisis, and Readjustment in the Spanish Economy, Rahn Phillips C., HUP, [[Cambridge, Massachusetts]], [[1979]]</ref> o chionn's gur robh e a' feuchainn ris an sgìre a thoirt a-mach bho na RìdireanRidirean Calatrava.<ref>[http://www.artehistoria.com/v2/lugares/315.htm Arte e Historia]</ref> B' e ''Pozuelo Seco de Don Gil'' (Gàidhlig: ''Tobar Thiomram Mhaighstir GhillEasbaig'') a bh' ann an t-seann ainm.
 
==Eachdraidh==
Chaidh am baile stèidheachadh ann an [[1255]] leis an Rìgh Alfonso X mar dhaigneachadhdhaingneachadh an aghaidh nan Ridirean Calatrava. Shabaideadh iad an aghaidh nam Muslamach agus Riaghaltas na Spàinne aig an aon àm. A dh'aindeoin sin, b' e àite far an robh [[Crìosdaidh|Crìosdaidhean]], [[Iùdhachd|Iùdhaich]] agus [[Ioslam|Muslamaich]] nan tàmh ann an sìth ri chèile fad linntean. Dh' aimeachadh Ciudad Real prìomh-bhaile na sgìre La Mancha ann an [[1691]], rud an tug sin piseach air [[eaconomaidh]] a' bhaile.<ref>Medrano y Treviño D, Consideraciones sobre el Estado Económico, Moral y Político de la Provincia de Ciudad Real, Instituto de Estudios Manchegos, [[1841]]</ref> Mar a b’àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an [[1833]].<ref>[http://www.ipp.csic.es/node/283769 Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain]</ref> Cha do thuit am baile dha na reubaltaich [[Faisisteachas|Faisisteach]] ach aig deireadh [[Cogadh Sìobhalta na Spàinne]] air [[29 am Màrt]] [[1939]], trì latha mus do bhuannaich [[Francisco Franco]].<ref>Thomas H., La Guerra Civil Española, [[Paris]], Ruedo Ibérico, [[Paris]], [[1976]]</ref>
 
==Cruinn-eòlas==
A rèir figearan an RiaghlataisRiaghaltais, 's e [[an t-Iuchar]] a' mhìos as teotha agus 's e [[am Faoilleach]] a' mhìos as fhuaire ann an Ciudad Real.<ref>[http://es.climate-data.org/location/886152/ Climate Data]</ref> Cha tuit ach 402mm de dh'[[uisge]] air a' bhaile fad na [[bliadhna]] - 701mm nas lugha na [[Steòrnabhagh]](1173)<ref>[http://www.aemet.es/es/serviciosclimaticos/datosclimatologicos/valoresclimatologicos?l=4121&k=clm Aemet]</ref> - leis gur e àite uabhasach tioram a th' ann.
== Bailtean Co-cheangailte ==
* [[Faidhle:Flag of Spain.svg|22px]] [[Arafo]]