An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Tom Buidhe"

Content deleted Content added
Duilleag ùr
(Gun diofar eatarra)

Mùthadh on 15:20, 5 dhen Ghiblean 2016

'S e beinn faisg air Bràigh Mhàrr ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh a tha ann an Tom Buidhe. Tha e 957 meatair a dh'àirde agus 's e Beinn Rothaich a th' ann.

Tom Buidhe

Tom Buidhe bhon iar
Àirde (m) 957
Àirde (tr) 3,139
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Tom Buidhe is located in Alba
Tom Buidhe
Tom Buidhe (Alba)
Suidheachadh Bràigh Mhàrr
Mapa cumadh-tìre Ordnance Survey Landranger 43
Comharradh-clèithe NO21397877

Tha a' bheinn suidhichte ann an àite iomallach mu 7km san ear den rathad A93, mu 16km san ear-dheas de Bhràigh Mhàrr agus mu 7km san ear san ear thuath de dh'ionad-sgìthidh Ghleann Sìth. Mar as trice bithear ga dhìreadh bho Jock's Road ann an Gleann Doll[1] no bho Ghleann Caladair [2] agus ga cheangal le Tolmount, air neo dh'fhadadh a cheangal le Càrn an Tuirc no Càrn na Claise san iar, agus Glas Maol agus Creag Leacach san iar-dheas.

'S e àrd-chlàr mòr a th' anns an sgìre sin, agus chìthear luchd-sgìthidh a' mhonaidh air, a bharrachd air luchd-sgìthidh air an ionad-sgìthidh air na beanntan faisg air làimh. Gheibhear seallaidhean air àrd-chlàr a' Mhonaidh Ruaidh a Deas Loch na Gàir agus beanntan a' Mhonaidh Ruaidh a Tuath.


Iomraidhean

  1. Tom Buidhe air Munromagic
  2. Tom Buidhe air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach