An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Ruaraidh MacThòmais"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 2:
 
== A bheatha ==
Rugadh Ruaraidh MacThòmais 5 an Lùnasdal 1921 ann an Steòrnabhagh ann an [[Leòdhas]]. Bha athair Ruaraidh, [[Seumas MacThòmais]] (1888-1971), na bhàrd ainmeil cuideachd. B' ann à Tunga, Leòdhas, a bha athair, agus b' ann à Keòs[[Ceòs]], air na LochsLochan, a bha a mhàthair, Tìneag Aonghais Alasdair (Christina "Tina" Mac a' Ghobhainn). Fhuair Seumas obair mar mhaighstir-sgoile ann am [[Pabail|Pabail a' Rubha]] nuair a bha Ruaraidh aon bhliadhna a dh'aois, agus dh'imrich an teaghlach a Phabail Uarach. Thogadh Ruaraidh ann am Pabail, anns an dearbh àite far an do thogadh dà sgrìobhadair Gàidhlig ainmeil eile: [[Iain Mac a' Ghobhainn (Crichton)|Iain Mac a' Ghobhainn]] agus [[Anne Frater]].
 
Thòisich Ruaraidh a chuid foghlam fhaighinn ann an [[Sgoil MhicNeacail]] ann an [[Steòrnabhagh]], an uair sin chaidh e do dh'[[Oilthigh Obar Dheathain]], far an do rinn e ceum ann an Ceiltis. Chuir e ùine seachad ann am Feachd Rìoghail an Adhair eadar 1941 agus 1945. As dèidh a' chogaidh, chuir e crìoch air an ceum agus chaidh e do dh'[[Oilthigh Chambridge]] agus do dh'[[Oilthigh Bhangor]]. Ann an 1952, phòs e Carol Nic a' Bhreatannaich, agus bha sianar chloinne aca. Bha e a' teagasg aig [[Oilthigh Dhùn Èideann]], aig [[Oilthigh Obar Dheathain]] agus aig [[Oilthigh Ghlaschu]], far an robh e na àrd-ollamh ann an Ceiltis bho 1963 a-mach gus an do leig e a dreuchd air ann an 1991''.'' Bha e air a' chuid as motha de bheatha a chuir seachad ann an Glaschu. Chaochail Ruaraidh MacThòmais ann an 2012 an Glaschu, nuair a bha e 90 bliadhna a dh'aois.<ref>{{cite web|author=Foillsichte 3 an Giblean 2012 |url=http://www.scotsman.com/news/obituary-professor-derick-thomson-writer-and-scholar-who-was-the-most-important-voice-in-gaelic-poetry-in-the-20th-century-1-2211560 |title=Obituary: Professor Derick Thomson; writer and scholar who was the most important voice in Gaelic poetry in the 20th century - News |publisher=Scotsman.com |date= |accessdate=2012-07-07}}</ref>