An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Crìsdean Dillon"
Content deleted Content added
No edit summary |
No edit summary |
||
Loidhne 1:
Ann an 1964 ghluais Crìsdean gu Trosaraidh ann an Uibhist a Deas far an do thòisich e air [[Laideann]], [[Fraingis]] agus [[Gearmailtis]] ionnsachadh. Nuair a bha e 14 bliadhna a dhʼaois ghluais e gu [[Taigh an Uillt]], agus chaidh e dhan sgoil san [[An t-Òban|Òban]]. Às dèidh dha an sgoil fhàgail fhuair e oideachadh ann an Ceiltis agus Gearmailtis aig [[Oilthigh Dhùn Éideann]] agus an déidh sin ann an [[Oilthigh Ghlaschu]].
Sa bhliadhna [[1976]] thòisich e ag obair aig aʼ BhBC ann an Inbhir Nis, far an robh e airson 24 bliadhna. Bhiodh e aʼ sgrìobhadh sgeulachdan, òrain, rannan is abairtean spòrsail do chloinn agus rinn e iomadh prògram air cuspairean eachdraidheil. A bharrachd air an sin bhiodh e aʼ teagaisg chlasaichean oidhche sa Ghàidhlig, agus bhiodh e aʼ teagasg na Gàidhlig ann am [[Bonn]] sa Ghearmailt.
Bhàsaich Crìsdean ann an Inbhir Nis sa bhliadhna 2000.
|