An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Niteworks"

Content deleted Content added
duilleag ùr, air a tharraing gu ìre mhòir bhon Bheurla https://en.wikipedia.org/wiki/Niteworks
(Gun diofar eatarra)

Mùthadh on 12:30, 22 dhen Ghearran 2016

'S e còmhlan-ciùil às an Eilean Sgitheanach a th' ann an Niteworks, agus canar cuideachd Obair Oidhche riutha. Bidh iad a' sgrìobhadh òrain sa Ghàidhlig agus a' cleachdadh òrain thraidiseanta agus gam measgachadh le ruitheaman techno no house a bharrachd air ceòl na pìoba[1].

Eachdraidh

Chaidh an còmhlan a stèidheachadh tràth anns a' bhliadhna 2008. Goirid às dèidh dhaibh tòiseachadh bhuainnich iad corra duais, nam measg an duais Rapal airson òran ùra. leis an òran "Nam Aonar san Fonn". Tha ainm a' chòmhlain a' tighinn bho aithris seann Ghàidheil a tha a' toirt iomradh air "obair oidhche"[2].

Tha Niteworks air a bhith a' cluich an òran aig Runrig "Chì mi 'n Geamhradh" agus tha iad air a bhith a' sgrìobhadh òran anns an dà chuid, Buerla agus Gàidhlig.

Tha an còmhlan air a bhith a' cluich aig iomadh fèis ciùil Albannach, mar Rockness, Knockengorroch agus Tartan Heart Festival. B' iad a' phrìomh còmhlan air àrd-ùrlair nan Eilean aig Fèis Innse Gall ann an 2011, agus chanadh gur iad còmhlan na h-oidhche[3] agus cuideachd ann an 2012 agus 2015. Chluich iad ann an taigh làn aig Òran Mòr Ghlaschu ann an 2012 agus 2015, mar phàirt den fhèis Celtic Connections. A bharrachd air sin bidh iad ag obair mar DJ bho àm gu àm.

Chaidh a' chiad clàr aca "Obair Oidhche" a chur air bog air 15 Dàmhair 2011. Tha àireamh an luchd-leantainn air fàs bhon uair sin.

Ann s an Dàmhair 2015 chuir iad a' chiad album aca, NW, air bog ann an taigh làn aig SW3 Warehouse Ghlaschu. Tha an t-album seo a' tarraing air tùsan a' chòmhlain san Eilean Sgitheanach agus an cuid àraich Ghàidhlig. Tha coimeas air a dhèanamh leis a' cheòl clùiteach aig Martyn Bennet[4]

Chuir iad ris an t-soirbheas aca le bhith a' fosgladh na h-oidhche aig na Scottish Trad Music Awards san Dùbhlachd 2015[5].

Buill a' chòmhlain

  • Aonghas Strachan (Guth/Keyboard)
  • Ailean Domhnallach (Pìob/Keyboard)
  • Crisdean MacNeacail (Beus)
  • Ruairidh Greumach (Drumaichean)

Clàran

  • NW (2015)
  • Niteworks : Obair Oidhche (2011)

Imraidhean-

  1. School Pupils set to take stage with Niteworks”. Hebridean Celtic Festival Trust. Air a thogail 12mh dhen Lùnasdal 2011.
  2. Knockengorroch”. Air a thogail 12mh dhen Lùnasdal 2011.
  3. HebCelt Thursday evening”. Folk and Roots - Festivals 2011. Air a thogail 12mh dhen Lùnasdal 2011.
  4. http://www.heraldscotland.com/arts_ents/14178760.Niteworks__NW__Comann_Music_/?ref=rss
  5. http://www.scotsman.com/lifestyle/culture/music/gig-review-mg-alba-scots-trad-music-awards-2015-1-3968142

Ceanglaichean a-mach