An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 1:
Tha [[An Spàinn]] air a roinneadh ann an 17 pàirtean air a bheil '''Coimhearsnachdan fèin-riaghlaidh''' ([[Basgais]]ː ''Autonomia Erkidegoak'', [[Catalanais]]ː ''comunitats autònomes'', [[Spàinntis]]ː ''Comunidades Autónomas''). 'S e Coimhearsnachdan fèin-riaghlaidh a th'annta air sàilleabh gu bheil cumhachdan reachdail agus laghail aca. Tha iad, gu h-ìre mar [[Alba]]. Chruthaich [[Bun-reachd]] ùr [[1978]]<ref>[http://www.congreso.es/consti/constitucion/indice/titulos/articulos.jsp?ini=1&fin=9&tipo=2na Constitución Española]</ref> Spàinne cumhachdan airson siostam riaghlaidh ùr a chuir air dòigh san Spàinn, mar phàirt a' phròiseis anns an robhar a' deamocrachadh na stàite, an dèidh na [[deachdaire|deachdaireachd]], a mhair bho [[1939]] gu ruige bàs [[Francisco Franco]], ann an [[1975]].<ref>[http://www.bbc.co.uk/news/world-europe-34844939 BBC]</ref>
== Figearan ==
'S e Castilla y León a' Choimhearsnachd fèin-riaghlaidh as fharsaingiche (km94,223km²) ach 's e Na h-Eileanan Balèarach an tè as lugha (km²). Tha àireamh-sluaigh Andalusia mòran nas àirde na càch, ach tha àireamh-sluaigh La Rioja nas lugha na coimhearsnachdan eile. A thaobh làn-thoradh dùthchail, ann an [[2010]], b' ena figearan airson Madrid a bha as àirde agus La Rioja as ìsle. Tha a h-uile coltas ann gur e [[Dùthaich nam Basgach]], no Euskadi ann am Basgais fhèin a' Choimhearsnachd fèin-riaghlaidh far a bheilear a' deànamh barrachd ùr-ghnàthachadh, an taca ri àiteachan eileː 1.5 ann an [[2007]]<ref>http://www.ine.es/ INE</ref>. Bha na cosgaisean a thathar a' caitheamh air sgrùdadh is dealbhachadh aig 1.90 ann an [[2008]]. Airson gach pearsa, 's ann ann an Dùthaich nam Basgach far a bheil an teachd a-steach as àirde (€32,133) agus 's ann ann an Extremadura far a bheil na figearan as ìsle (€24,020). Tha na figearan airson nam Basgach 33,8 % as àirde na airson an corr dhen stàit.
 
Seo liosta nan Coimhearsnachdan fèin-riaghlaidh agus am [[prìomh-bhaile|prìomh-bhaile]]ː