An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Samhain"

Content deleted Content added
Loidhne 28:
Bha geamaichean eile ann leis am biodh an òigridh a’ cluinntinn no a’ faicinn cò leis am biodh iad a’ pòsadh. Mar eisimpleir, bhiodh caileagan òga a’ feuchainn ri balach fhaicinn air an cùlaibh, fhad ’s a bha iad ann an seòmar dubh dorch, ’s iad mu choinneamh sgàthan le coinnlean nan làmhan. Cuideachd, bhiodh balaich a’ dol gu allt eadar dà bhaile no sgìre gus uisge fhaighinn, seo uisge a bha spèisealta, is chuireadh iad beagan den uisge sin nam beòil nuair a bhiodh iad faisg air doras taighe, is bhiodh iad a’ pòsadh na caileige air a bhiodh a’ chiad ainm a chluinneadh iad. Bhiodh na caileagan a’ dèanamh an aon rud, ach le geal-uighe nam beòil an àite uisge.
 
Bha a’ mhòr chuid de na geamaichean co-cheangailte ri fàidheadaireachd, agus gu h-àraid ri fàisneachdan gaol am measg nan daoine òga. Sgrìobh na Ròmanaich mu dheidhinn fhèisean mòra a bhiodh air aan chumailcumail timcheall air an teine air an oidhche seo, le biadh is deoch ann am pailteas, mar bu ghnàth dhaibh fhèin ann am [[Bacchanalia]]; is bha sin ciallach nuair a bhiodh, mar toradh, ginealach ùr air a bhreith as t-samhradh, an t-àm a bu fhreagarraiche. Mar sin, tha e coltach gun robh an t-àm seo sònraichte don òigridh, is gum biodh an fheadhainn a b’ òige a’ lorg bràmar aig an àm sin, is ’s e cleachd a tha fhathast beò an-diugh ann an dòigh air choireigin. ’S math dh’fhaodte, ma-thà, gun tàinig na “geamaichean-gaol” bho na seann chleachdaidhean feòlmhor a chumadh na pàganaich.
 
A bharrachd air na geamaichean, bhiodh miasan sònraichte air an ullachadh airson na h-oidhche, mar a bha an fhuarag anns na h-Eileanan (seòrsa brochain min-choirce le uachdair, uisge no bainne) a bhiodh a h-uile duine a’ gabhail bhon aon bhobhla - no buntàta-pronn anns a chuirte fàinne, putan, pònair is pìos clò, a bhiodh a’ ciallachadh bannais, aonarachd, bochdainn 7rl. do na daoine a bhiodh gan lorg, an dearbh rud ris a’ bhairín bhreac ann an Èirinn.
Loidhne 36:
Air ais dha na sìthichean, a bha mar bu tric buailteach air milleadh, cron is mì-fhortan, bhiodh daoine a’ fàgail biadh taobh a-muigh nan taighean airson an sàthachadh, is bhiodh na daoine a bha a’ creidsinn gun robh seann spioradan an teaghlaich a’ tilleadh dhachaigh air an oidhche sin a’ cur aran-coirce is uisge-beatha faisg air an teine, is luaithreach min sgapte air an làr gus na làrachdan fhaicinn sa mhadainn.
 
Bhiodh ìobairtean fhathast air an dèanamh sna h-Eileanan suas dhan 19mh Linn, mar eisimpleir, chuireadh lionn no lite air a’ mhuir do “Shony”, Dia na Mara, gus feamainn gu leòr fhaighinn bhuaithe. No, bhiodh iad a’ dèanamh ìomhaigh coin leis a’ bhuain mu dheireadh, is bhiodh iad ga losgadh air an t-samhnagsamhnaig. Bha sin a’ toirt taing do spioradan na talmhainn airson bliadhna torrach, is airson dìon fhaighinn bhuapa an aghaidh phlàighean.
 
Mar a bha Fèill Bealltainn a’ comharrachadh toiseach na h-obrach air an talamh, bha Samhain a’ comharrachadh deireadh na buana. ’S e àm nan atharrachaidhean a bh’ ann, mar a tha an t-seann abairt ag ràdh “Air Oidhche Shamhna theirear gamhna ris na laoigh”, agus bhiodh an crodh air a roinneadh eadar an fheadhainn airson marbhadh gus feòil fhaighinn airson a’ gheamhraidh, is an fheadhainn a bhiodh iad a’ cumail gus ginealach eile fhaighinn. A thuilleadh air sin, is co-cheangailte ris a’ chreideamh, cha bhiodh daoine ag ithe smeuran às dèidh na h-oidhche sin, oir bhiodh na sìthichean air smugadh orra, mar a chanadh ann an Èirinn, no gun robh na diabhlan air am mùnadh, mar a bhathar a’ creidsinn ann an Sasainn.