An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Samhain"

Content deleted Content added
bNo edit summary
Loidhne 7:
A rèir coltais, do na [[Ceilteach|Ceiltich]] a bha a’ fuireach san [[Roinn-Eòrpa]], is gu h-àraid do na [[Gàidheil]], bhiodh a’ bhliadhna roinnte eadar na ceithir ràithean, a thòisicheadh le fèilltean sònraichte, is bha na fèilltean seo dha-rìribh cudromach dhaibh. Bhiodh iad a’ comharrachadh toiseach an Earraich le fèill ris a’ chanadh iad [[Imbolc]], air 1 an Gearran ([[Fèill Brìghde|Là Fhèill Brìghde]] an dèidh làimh), fèill aig toiseach an t-Samhraidh ainmichte mar Chéadamhan no a-nis [[Bealltainn]], air 1 an Cèitean, [[Lugnasad]] air 1 an Lùnastail mar thoiseach an Fhoghair, is Samhain, no deireadh an t-samhraidh (''Samrad Fuin'' san t-Seann Ghàidhlig), aig toiseach a’ mhìos air a bheil an aon ainm. Ge-tà, tha na cinn-là air a bhith a’ gluasad thairis air na linntean.
 
Mar a bhiodh na làithean a’ tòiseachadh le beul na h-oidhche a rèir nan Seann Gàidheal, bhiodh a’ bhliadhna a’ tòisicheadhtòiseachadh leis a’ gheamhradh, is ’s e àm sònraichte a bha seo.
 
Chan ann dìreach gur b’ e sin deireadh na buana, is àm na casgairte gus biadh fhaighinn airson a’ gheamhraidh, ach bhathar a’ creidsinn gum biodh dorsan gu saoghal eile air am fosgladh.
Loidhne 16:
 
’S e na draoidhean a bha os cionn ghnothaichean os-nàdarrach mus tàinig an creideamh Crìosdail dha na h-Eileanan Breatannach, is mar a sgrìobh an luchd-eachdraidh Ròmanach, a leithid [[Julius Caesar]] air ''Commentarii de Bello Gallico'' (50mh RC), bhiodh iad a’ dèanamh deas-ghnàth air an oidhche sin, air Oidhche Shamhna. Tha e coltach gum biodh iad a’ dèanamh gealbhan, a bhiodh, ’s dòcha, a’ toirt neart don grèin a bha a’ call spìonadh aig an àm seo den bhliadhna, is dhèanadh iad dannsaichean, ùrnaighean is ìobairtean do dhiathan an nàdair, fiù ’s fèin-ìobairt no ìobairt daonna, gus bainne is arbhar fhaighinn ann am pailteas sa bhliadhna a bha a’ tòiseachadh, ach chan urrainn dhuinn dearbhadh gun robh na cleachdaidhean seo cumanta ann an dha-rìribh, agus chan eil ach tuairisgeulan Ròmanach is Crìosdail (le manaich) againn man deidhinn.
Co-dhiù, ’s cinnteach gur b’ e seo àm na casgairte aig aon àm, mar a tha ''Là Fèill Mhàrtainn'' fhathast san latha an-diugh air an 11mh den t-Samhain, is bhiodhte a’ dèanamh gealbhan air an dearbh Oidhche Shamhna suas dhan 20mh Linn ann an Albainn, mar a nìthear fhathast an-diugh ann an Èirinn.
 
== Cleachdaidhean thar nan linn ann an Èirinn is Albainn ==