An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Samhain"

Content deleted Content added
Loidhne 28:
Bha geamaichean eile ann leis am biodh an òigridh a’ cluinntinn no a’ faicinn cò leis am biodh iad a’ pòsadh. Mar eisimpleir, bhiodh caileagan òga a’ feuchainn ri balach fhaicinn air an cùlaibh, fhad ’s a bha iad ann an seòmar dubh dorch, ’s iad mu choinneamh sgàthan le coinnlean nan làmhan. Cuideachd, bhiodh balaich a’ dol gu allt eadar dà bhaile no sgìre gus uisge fhaighinn, seo uisge a bha spèisealta, is chuireadh iad beagan den uisge sin nam beòil nuair a bhiodh iad faisg air doras taighe, is bhiodh iad a’ pòsadh na chaileige air a bhiodh a’ chiad ainm a chluinneadh iad. Bhiodh na caileagan a’ dèanamh an aon rud, ach le geal-uighe nam beòil an àite uisge.
 
Bha a’ mhòr chuid de na geamaichean co-cheangailte ri fàidheadaireachd, agus gu h-àraid ri fàisneachdan gaol am measg nan daoine òga. Sgrìobh na Ròmanaich mu dheidhinn fheisean mòra a bhiodh air a chumail timcheall air an teine air an oidhche seo, le biadh is deoch ann am pailteas, mar bhbu ghnàth dhaibh fhèin ann am [[Bacchanalia]]; is bhiodh sin ciallach gum biodh, mar toradh, ginealach ùr air a bhreith as t-samhradh, an t-àm a bu fhreagarraiche. Mar sin, tha e coltach gun robh an t-àm seo sònraichte don òigridh, is gum biodh an fheadhainn a b’ òige a' lorg bràmar aig an àm sin, is ’s e cleachd a tha fhathast beò an-diugh ann an dòigh air èiginn. Ma dh'fhaoidte, ma-thà, gun tàinig na “geamaichean-gaol” bho na seann chleachdaidhean feòlmhor a chumadh na seann phàganaich.
 
A bharrachd air na geamaichean, bhiodh miasan sònraichte air an ullachadh airson na h-oidhche, mar a bha an fhuarag anns na h-Eileanan,(seòrsa brochain min-choirce le uachdair, uisge no bainne) a bhiodh a h-uile duine a' gabhail bhon aon bhobhla - no buntàta-pronn anns a chuireadh fàinne, putan, pònair is pìos clò, a bhiodh a’ ciallachadh bannais, aonarachd, bochdainn 7rl. do na daoine a bhiodh gan lorg, an dearbh rud ris a’ bhairín bhreac ann an Èirinn.