An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Samhain"

Content deleted Content added
Loidhne 19:
 
== Cleachdaidhean thar nan linn ann an Èirinn is Albainn ==
Bhiodh an gealbhan, no "samhnag" dha-rìribh cudromach air Oidhche Shamhna, chan ann dìreach airson na sìthichean is spioradan olca a chumail air falbh, ach airson faighinn a-mach dè a thachradh anns an àm a bha romhpa. Air sgàth ’s gun robh cumhachdan draoidheil aig an àm asa bu làidire, bhiodh daoine a’ faighinn a’ chothruim gus tachartasan fhaicinn air na lasraichean, agus bha geamaichean eile leis an aon adhbhar air feadh tìr nan Gàidheal suas dhan 20mh linn. Mar eisimpleir, ann an Albainn, bhiodhte a’ cur dà chnò air an teine, is bhiodh gach cnò a’ riochdachadh balach no caileag. Nam fuiricheadh an dà chnò còmhla, bhiodh an dithis fhathast còmhla taobh a-staigh na bliadhna, ach bhiodh iad a’ dealachadh nan spreadhadh fear dhiubh a-mach às an teine. Agus bhiodh na caileagan òga a' cur geansaidhean fliucha faisg air an teine gus an tiormachadh, is bhiodh na balaich aig an robh ùidh orra a' tionndadh nam muilicheannan.
 
Bha iomadh geama ann, gu seachd àraid am measg an òigridh, mar eisimpleir, far an cuireadh gealagan-uighe air glainne uisge, gus faicinn ma bha “craobhan” air fàs (deagh chomharra), no far an cuireadh dà mhaide-fiodha còmhla, a-rithist a’ riochdachadh dithis, is chitheadh nan robh iad a’ tuiteam còmhla; no “Na Trì Lugaidhean”, far an cuireadh trì bobhlaichean fiodha, fear le uisge glan, fear le uisge salach is fear falamh. Bhiodh balach a’ cur làmh ann am bobhla le a shùilean dùinte, is bhiodh e a’ ciallachadh gun ro e gu bhith a’ pòsadh maighdeann nan lorgadh e am bobhla le uisge glan, banntrach nan robh an t-uisge salach, is gum bhiodh e gun phòsadh leis a’ bhobhla fhalamh.