An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Samhain"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 25:
Ach ma tha geama ainmeil air Oidhche Shamhna, fhathast an-diugh, ’s e a bhith a’ feuchainn ri ubhal a ghlacadh bho amar uisge, no crochte le sreang, dìreach leis a’ bheul. A rèir a’ chreideimh, bhiodh a’ chiad neach air ubhal a ghlacadh a’ pòsadh sa bhliadhna, agus chanadh cuid gum biodh am balach no caileag leis an robh iad gu bhith a’ pòsadh a’ nochdadh ann an aisling, nan cuireadh an ubhal a ghlac iad fon chluasag.
 
[[Faidhle:Snap-Apple Night globalphilosophy.PNG|thumb|Glacadh nan ubhal ann an ÈireannÈirinn]]
Bha geamaichean eile ann leis am biodh an òigridh a’ cluinntinn no a’ faicinn cò leis am biodh iad a’ pòsadh. Mar eisimpleir, bhiodh caileagan òga a’ feuchainn ri balach fhaicinn air an cùlaibh, fhad ’s a bha iad ann an seòmar dubh dorch, ’s iad mu choinneamh sgàthan le coinnlean nan làmhan. Cuideachd, bhiodh balaich a’ dol gu allt eadar dà bhaile no sgìre gus uisge fhaighinn, seo uisge a bha spèisealta, is chuireadh iad beagan den uisge sin nam beòil nuair a bhiodh iad faisg air doras taighe, is bhiodh iad a’ pòsadh na chaileige air a bhiodh a’ chiad ainm a chluinneadh iad. Bhiodh na caileagan a’ dèanamh an aon rud, ach le geal-uighe nam beòil an àite uisge.