An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Palma de Mallorca"

Content deleted Content added
Loidhne 22:
 
==Eachdraidh==
Chaidh am baile a stèidheachadh ann an [[123]] ro [[Ìosa Crìosd]] le Quintus Caecilius Metellus Balearicus,<ref>Cau M.A., Chávez Mª. E., El fenómeno urbano en Mallorca en época romana: los ejemplos de Pollentia y Palma, Mayurqa, [[Toledo]]</ref> nuair a bha An Spàinn agus [[Am Muir Meadhan-thìreach]] fo bhuaidh nan Ròmanach. Thug na h-Arabaich seilbh air Palma ann an [[903]]. Chaidh am baile a dheabhachadh as ùire ann an [[1715]] agus thugadh an t-seann ainm Ròmanach air. Cha do chuireadh ainm a’ bhaile as motha air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an [[1833]].<ref>[http://www.ipp.csic.es/node/283769 Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain]</ref> Thuit am baile agus Mallorca air fad dha na reubaltaich [[Faisisteachas|Faisisteach]] an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh [[Cogadh Sìobhalta na Spàinne]] ann an [[1936]], air sàilleabh gur robh na Feachdan Armachd sa phort gu math làidir.<ref>[http://www.fideus.com/bayo%20deseado.htm Fideus]</ref> A dh'aindeoin seo, dh'fheuch an Riaghaltas ionnsaigh a thoirt air an àite. Bha iomairt uabhasach cosgail ach dh'fhàilnig i. Landaich [[saighdear|saighdearan]] às an Spàinn air an eilean air [[16 an Lùnastal]] [[1936]]. Thachair batal mòr fuilteach gu ruige [[28 am Màrt]] [[1937]].<ref>Massot i Muntaner J., Aspectes de la guerra civil a les Illes Balears, Biblioteca Serra d'Or, [[2002]], ISBN 84-8412-397-5</ref> Chaidh ionnsaighean bòma a thoirt air Palma fhèin cuideachd. Cha do chuir feachdan an Riaghaltais ruaig idir air na Faisistich agus bha am port gu math cudromach sa chogadh, a' cur bacadh air na dheànadh an Riaghaltas san sgìre. Thàinig an iomairt gu crìoch air [[4 an t-Sultain]] 1936.
 
==Cruinn-eòlas==