An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Palma de Mallorca"

Content deleted Content added
Loidhne 19:
’S e [[baile]] meadhanach faisg air [[Magaluf]] air [[eilean]] thall air an àirde an ear [[An Spàinn|na Spàinne]] a th’ ann am '''Palma de Mallorca''' no dìreach ''Palma'' ([[IPA]]: [[Catalanais]]ː ''palmə'', [[Spàinntis]]ː ''palma''). Tha e suidhichte aig 3m os cionn ìre na [[Muir|mara]],<ref>[http://www.aemet.es/es/serviciosclimaticos/datosclimatologicos/valoresclimatologicos?l=B228&k=bal Aemet]</ref> 540km air falbh bho [[Madrid|Mhadrid]], prìomh-bhaile na Spàinne, agus 206km bho [[Barcelona|Bharcelona]].<ref>[http://distancecalculator.globefeed.com/World_Distance_Calculator.asp Distance Calculator]</ref> Tha 401,270 duine a’ fuireach ann am Palma de Mallorca.<ref>[http://www.ine.es/ Cunntas-sluaigh na Spàinne]</ref> A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na [[Na h-Eileanan Balèarach|nan Eilean Balèarach]] a th’ann cuideachd.
== Freumhan an ainm ==
Tha e coltach gur ann à ''Palma'' ann an [[Laideann]] a tha an t-ainm. Chailleadh an t-ainm nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Arabach is iadsan a' cleachdadh ''ميورقة'' (''Madinah Miurgah'', [[Gàidhlig]]ː ''Baile Mhallorca''). Chanadg Ciutat de Mallorca ris fad linntean mus an tug an t-seann ainm air ais ann an
Tha e coltach gur ann à ''وادي الحجرة'' (wād al-ḥaŷara) a tha an t-ainm, a tha a' ciallachadh [[abhainn]] Henares<ref>Herráiz Gascueña M.G., Ruta de las Rondas, 7 paseos por Cuenca, Ayuntamiento de Cuenca, [[2008]].</ref> ann an [[Arabais]]. 'S e eileamaid gu math cumanta ann an ainmean-àite na Spàinn a th' ann ''guad-''. Tha fuaimneachadh an ainm air atharrachadh fad nan linntean, a' cur ''g'' aig an toiseach air sàilleabh nach eil am fuaim ''wa'' ann aig toiseach facal sam bi ann an Spàinntis. 'S ann connspaideach 's a tha [[freumh-fhaclachd]] Henares. Tha cuid dhen bheachd gur ann à caisteal (ḥaŷara) ann an Arabais.<ref>Makki, M. A., Introducción para el estudio de los topónimos de origen árabe en España, Instituto Egipcio de Estudios Islámicos, Madrid, [[1996]], ISBN 978-84-920110-2-5.</ref> A dh'aindeoin sin, tha luchd-rannsachaidh eile ann a tha a' toirt taic do fhreumhan ann am [[Basgais]], 's dòcha bho ''harrikada'' ([[Gàidhlig]]: àite clachach).<ref>Ranz Yubero J, A., Diccionario de toponimia de Guadalajara, Aache ediciones, Guadalajara, [[2007]], ISBN 84-96236-97-8</ref> Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.
 
==Eachdraidh==
Chaidh am baile a stèidheachadh ann an [[123]] ro [[Ìosa Crìosd]] le Quintus Caecilius Metellus Balearicus,<ref>Cau M.A., Chávez Mª. E., El fenómeno urbano en Mallorca en época romana: los ejemplos de Pollentia y Palma, Mayurqa, [[Toledo]]</ref> nuair a bha An Spàinn agus [[Am Muir Meadhan-thìreach]] fo bhuaidh nan Ròmanach. Thug na h-Arabaich seilbh air Palma ann an [[903]]. Chaidh am baile a dheabhachadh as ùire ann an [[1715]] agus thugadh an t-seann ainm Ròmanach air. Cha do chuireadh ainm a’ bhaile as motha air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an [[1833]].<ref>[http://www.ipp.csic.es/node/283769 Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain]</ref> Thuit am baile agus Mallorca air fad dha na reubaltaich [[Faisisteachas|Faisisteach]] an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh [[Cogadh Sìobhalta na Spàinne]] ann an [[1936]], air sàilleabh gur robh na Feachdan Armachd sa phort gu math làidir.<ref>[http://www.fideus.com/bayo%20deseado.htm Fideus]</ref> A dh'aindeoin seo, dh'fheuch an Riaghaltas ionnsaigh a thoirt air an àite. Bha iomairt uabhasach cosgail ach dh'fhàilnig i. Landaich [[saighdear|saighdearan]] às an Spàinn air an eilean air [[16 an Lùnastal]] [[1936]]. Thachair batal mòr fuilteach gu ruige [[28 am Màrt]] [[1937]].<ref>Massot i Muntaner J., Aspectes de la guerra civil a les Illes Balears, Biblioteca Serra d'Or, [[2002]], ISBN 84-8412-397-5</ref> Chaidh ionnsaighean bòma a thoirt air Palma fhèin cuideachd. Cha do chuir feachdan an Riaghaltais ruaig idir air na Faisistich agus bha am port gu math cudromach sa chogadh, a' cur bacadh air na dheànadh an Riaghaltas san sgìre. Thàinig an iomairt gu crìoch air [[4 an t-Sultain]] 1936.