An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Huesca"

Content deleted Content added
Loidhne 19:
’S e [[baile]] mòr faisg air [[Teruel]] ann an cridhe [[An Spàinn|na Spàinne]] a th’ ann an '''Huesca''' ([[IPA]]: ''weska''). Tha e suidhichte aig 488m os cionn ìre na [[Muir|mara]],<ref>[http://www.aemet.es/es/serviciosclimaticos/datosclimatologicos/valoresclimatologicos?l=2614&k=cle Aemet]</ref> 380km air falbh bho [[Madrid|Mhadrid]], prìomh-bhaile na Spàinne, agus 230km bho [[Barcelona|Bharcelona]].<ref>[http://distancecalculator.globefeed.com/World_Distance_Calculator.asp Distance Calculator]</ref> Tha 52,239 duine a’ fuireach ann an Huesca.<ref>[http://www.ine.es/ Cunntas-sluaigh na Spàinne]</ref> A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na [[Huesca (provincia)|Roinne Huesca]] a th’ann cuideachd.
== Freumhan an ainm ==
Tha e coltach gur ann à ''Bolsksan'' ann an Ibearais, air sàilleabh gu bheil an t-ainm a' nochdadh air [[bonn|buinn]] Ibearach, ach chan eil e soilleir na tha sin a' ciallachadh idir. Chaidh sin atharrachadh gu ''Osca'' no ''Urbs Victrix Osca'' ann an [[Laideann]] às aonais an t-iar-leasachan -skan, nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Ròmanach - b' e atharrachadh mòr a bh' ann. On [[8mh Linn]] a-mach chanadh وشقة (Washqah)<ref>[http://aquesta.de/geschichte/theodor-mommsen/roemische-geschichte-5.buch/01.kapitel/9/#285-1643-Osca Aquesta]</ref> ris an àite ann an [[Arabais]] agus nochd am foirm ùr a th' againne an latha an-diugh an dèidh nan Arabach: ''Huesca'' ann an Spàinntis (le dà-fhoghair an àite fuaimreag: /ɔ/ gu /wo/).<ref>[http://www.boletinfilologia.uchile.cl/index.php/BDF/article/viewFile/21477/22775 Boletín de Filología]</ref> Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.
 
==Eachdraidh==