An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Lebor Gabála Érenn"

Content deleted Content added
b Additional names
Loidhne 1:
[[File:Tower of Hercules.JPG|thumb|Tùr Iorcaill, [[Corùna]], [[a' Ghàilis]], anns [[an Spàinnt]] - tùr a thog na Ròmanaich far an robh an seann tùr Ceilteach]]
 
'S e co-chruinneachadh de [[bàrdachd|bhàrdachd]] is [[rosg]] a th' ann an '''Lebor Gabála Érenn''', ('''Leabhar Gabhalaichean na h-Èireann neo''' '''Leabhar nan Ionnsaighean)''' a chaidh a sgrìobhadh ann an [[11mh Linn]] AC, far an deach seann eachdraidh na h-[[Èirinn|Èireann]] is freumhan nan [[Gàidheal]] a mhìneachadh tro mheadhan fhionn-sgeuleachdan, bho Chruthachadh an t-Saoghail gus na [[Meadhan-aoisean]].
 
==Tùsan==
Loidhne 36:
Ghlac na Greugaich an fhea dhainn siud mar thràillean, is bha iad a' giùlan bhagaichean criadha airson 230 bliadhna, nuair a theich iad is b' urrainn dhaibh tilleadh a dh'Èireann. Bha dà chinneadh ann, Fir Domnann agus Fir Gálioin, is còignear ceann-cinnidh a roinn an eilean eatorra. Fhuair Gann an taobh tuath [[Mumhain]], fhuair Sengann an taobh deas Mumhain, fhuair Genann [[Connacht]], fhuair Rudraige [[Ulaidh]] agus fhuair Slanga [[Laighean]], is bha àrd-rìghrean ann airson 37 bliadhnan às dèidh sin.
 
===Tuatha Danann===
Seo an fheadhainn a dh'fhàlbh dhan taobh tuath. Thill iad le cumhachd dhraoidheil, 's mar sin bha iad a riochdachadh diathan pàganach na h-Èireann. Shàbaid iad an aghaidh nam Fear Bolg air [[a' Chiad Bhlàr Maigh Tuireidh]] is bhuannaich iad, ach urrainn don Fhir Bholg a bhith a' fuireach ann an Connacht co-dhiù. Air a' bhlàr a bha siud, chaill an rìgh Nuada a làmh no gàirdean is dhìobair e, ma-thà, 's e Bres (leth-Fhomorianach) an rìgh a bh' aig na Tuatha Dé bhon àm sin, ach às dèidh seachd bliadhnaichean rinn an lighiche [[Dian Cecht]] gàirdean airgid do Nuada is fhuair e an stiùireadh a-rithist. Aig an àm siud, shàbaid iad an aghaidh na Fomorianaich air an Dàrna Bhlàr Moytura, is mharbh Balor (Fomorianach) an rìgh Nuada, ach mharbh Lugh e, ogha Leth-Fhomorianach a bh' aige, gus a bhith na rìgh. Sin mar a bha rìoghachd fon stiùireachd na Tuatha Dé ann an Èireann airson 150 bliadhna a thuilleadh.