An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Soria"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 21:
'S ann connspaideach 's a tha [[freumh-fhaclachd]] an ainm. Tha cuid dhen bheachd gur ann à ainm [[Abhainn|na h'aibhne]] ''Duero'' (''Durius'' ann an [[Laideann]]), a tha a' sruthadh tron bhaile. Le sin, dh'atharraicheadh an ''d'' gu ''s'' fad nan linntean, às aonais an co-fhuaimreag ''ue'' anns an Spàinntis.<ref>Martínez Hernando M.C., Los Orígenes de la ciudad de Soria</ref> A dh'aindeoin sin, tha cuid eile a' cantainn nach eil an t-ainm idir nas aosda na na meadhan aoisean agus gur mathaid gur ann à ''so'' (Gàidhlig: ''Tùr na Faire'') agus ''ura'' (Gàidhlig: ''abhainn'') ann am [[Basgais]]. Tha teòiridh eile ann a chanas gu robh baile ann o chionn fhada air an robh ''Oria'' - bhon ainm Dorios ann an [[Greugais]] - a thug ainm dhan sgìre, ged nach eil ach glè bheag de dhaoine a tha a' gabhail ri sin an latha an-diugh.
==Eachdraidh==
B' e na h-Ibearaich o shean a stèidhich am baile. Cuairtich na Ròmanaich e agus thug na daoine ùthachd asta fhèin gus [[tràilleachd]] a sheachnadh. Ann an [[1492]] dh' adhbhraich èigheachd rìoghail an aghaidh nan [[Iùdhachd|Iùdhach]] sgrios air eaconomaidh a' bhaile.Mar a b’àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an [[1833]].<ref>[http://www.ipp.csic.es/node/283769 Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain]</ref> Thuit am baile dha na reubaltaich [[Faisisteachas|Faisisteach]] beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh [[Cogadh Sìobhalta na Spàinne]] ann an [[1936]].<ref>Hurtado V., La Sublevación, [[2010]], Barcelona: DAU. ISBN 978-84-936625-6-1</ref>
 
==Cruinn-eòlas==
A rèir figearan an Riaghlatais, 's e [[an t-Iuchar]] a' mhìos as teotha agus e [[am Faoilleach]] a' mhìos as fhuaire ann an Soria.<ref>[http://www.aemet.es/es/serviciosclimaticos/datosclimatologicos/valoresclimatologicos?l=2030&k=cle Aemet]</ref> Cha tuit ach 512mm de dh'[[uisge]] air a' bhaile fad na [[bliadhna]] - 756mm nas lugha na [[Steòrnabhagh]] - leis gur e àite àrd, tioram a th' ann.