An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Valladolid"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 17:
}}
‘S e [[baile]] mòr eadchraidheil air an àirde an iar-thuath [[An Spàinn|na Spàinne]] a th’ ann am '''Valladolid''' ([[IPA]]: '''baʎaðoˈlið''', far-ainm: Pucela, [[Laideann]]: ''Valdoletum''). Tha e suidhichte aig 690m os cionn ìre na [[Muir|mara]],<ref>[http://population.mongabay.com/population/spain/3106672/valladolid Mongabay]</ref> ri taobh na [[Abhainn|h-Aibhne]] Duero,<ref>[http://www.chduero.es/ Confederación Hidrográfica del Duero]</ref> anns an Sgìre ([[Spàinntis]]: ''Provincia'') Valladolid fhèin, anns a’ Choimearsnachd le Fèin-riaghladh (Spàinntis: ''Comunidad Autónoma'') [[Castilla y León]], faisg air na crìochan leis [[A' Phortagail]], 162km air falbh bho [[Madrid|Mhadrid]], prìomh-bhaile na [[Dùthaich|dùthcha]], 487km bho [[Barcelona|Bharcelona]] agus 400km bho [[Sevilla|Shevilla]].<ref>[http://distancecalculator.globefeed.com/Country_Distance_Calculator.asp Distance Calculator]</ref> Tha 154,462 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile,<ref>[http://www.ine.es/nomen2/index.do?accion=busquedaRapida&subaccion=&numPag=0&ordenAnios=ASC&nombrePoblacion=valladolid&botonBusquedaRapida=Consultar+selecci%F3n Cunntas Sluaigh na Spàinne]</ref> an 13mh baile na dùthcha.<ref>[http://world-gazetteer.com/wg.php?x=&men=gcis&lng=en&des=wg&geo=-4&srt=pnan&col=abcdefghinoq&msz=1500&geo=-72 Bailtean na Cruinne]</ref> Chaidh oilthigh a stèidheachadh ann an Valladolid ann an [[1241]].<ref>[http://www.uva.es/portal/paginas/portada UVA]</ref> Chaochail an ceann-feadhna [[Gàidheal]]ach [[Aodh Rua Ó Dónaill]] an seo ann an [[1602]].
== Freumhan an ainm ==
'S ann connspaideach 's a tha [[freumh-fhaclachd]] an ainm. Tha cuid dhen bheachd gur ann à ''Vallis Tolitum'' ([[Gàidhlig]]: ''Gleann nan Uisgeachan''), ann an Ceilteach-ibearais. A dh'aindeoin sin, tha cuid eile a' cantainn gur mathaid gur ann à ''Vallis Olivetum'' (Gàidhlig: ''Gleann nan Dearcan-ola'') B' e ''Vallisoletum'' a bha air fad nam meadhan aoisean.<ref>Álvarez Martínez U., Historia General Civil y Eclesiástica de la Provincia de Zamora, [[Madrid]], Editorial Revista de Derecho Privado.</ref> Chaidh an t-ainm arabachadh gu ''بلد الوليد'' (Balad al-Walīd): Bheireadh sin ''Baile Walid'' anns a' Ghàidhlig.<ref>Marín M., et al., The Formation of Al-Andalus: History and Society, Ashgate, [[1998]], ISBN 0-86078-708-7</ref>
==Eachdraidh==
Chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an [[1833]].<ref>[http://www.ipp.csic.es/node/283769 Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain]</ref>
 
== Daoine Ainmeil ==
* [[José Luis Rodríguez Zapatero]] ([[1960]]) Fear-[[poileataigs]]