An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Lleida (provincia)"

Content deleted Content added
Loidhne 18:
'S e ''[[Roinnean na Spàinne|provincia]]'' [[an Spàinn|na Spàinne]] a tha ann an '''Lleida''' ([[IPA]]: ''ʎɛjðə'' no ''ʎejðɛ'', [[Spàinntis]]: ''Lérida''). Tha e na laighe ann an [[Cataloinia]], air an àirde an ear-thuath na [[Dùthaich|dùthcha]]. 'S e [[Lleida]] a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an [[1833]] le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.<ref>[http://www.ipp.csic.es/node/283769 Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain]</ref> B' e an siostam-riaghalaidh iondail na [[An Fhraing|Frainge]] a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na [[Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh]] Chatalòinia i ann an [[1978]], nuair a sgrìobhadh [[Bun-reachd]] ùr.<ref>[http://noticias.juridicas.com/base_datos/Admin/constitucion.html Constitución Española de 1978]</ref> Sìnidh Lleida fad 12,172km²<ref>[http://www.infolaso.com/extension-ccaa-y-provincias-.html Infoalso]</ref> agus tha 442,308 duine a' fuireach ann.<ref>[http://es.classora.com/reports/x57491/ranking-de-las-provincias-mas-pobladas-de-espana Classora]</ref> Le sin, 's e an 18mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 33mh tè a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochain aice le [[Barcelona (provincia)|Barcelona]], [[Huesca (provincia)|Huesca]], [[Girona (provincia)|Girona]], [[Tarragona (provincia)|Tarragona]], [[Zaragoza (provincia)|Zaragoza]], [[Andorra]] agus An Fhraing.<ref>[http://www.ign.es/ign/resources/cartografiaEnsenanza/puzzles/puzleProvincias/provinciasv3.html Instituto Geográfico Nacional]</ref> 'S e [[Catalanais]], [[Ogsatanais]] agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo.
== Freumhan an ainm ==
Tha luchd-rannsachaidh dhen bheachd gur ann às an ainm ''Iltiŕta'' ann an Ibearais a tha an t-ainm. Fad nan linntean dh'atharrachadh fuaimeanachadh an ainm mar a leanas: ''Ilerda'' ann an [[Laideann]] nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Ròmanach, لاردة (Laaridah) ann an [[Arabais]], ''Leyda'' anns na meadhan aoisean agus mu dheireadh thall ''Lleida'' tron atharrachadh fuaimneachail ''l → ʎ'' ann an Catalanais. 'S e ''palatalizatzió'' (palatalachadh) an t-ainm a tha air sin.[Gramàtica històrica catalana, Francesc de Borja Moll Casesnoves] Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.
 
==Bailtean==