An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Huesca (provincia)"

Content deleted Content added
Loidhne 18:
'S e ''[[Roinnean na Spàinne|provincia]]'' [[an Spàinn|na Spàinne]] a tha ann an '''Huesca''' ([[IPA]]: ''weska'', [[Aragonais]]: ''Uesca'', [[Catalanais]]: ''Osca''). Tha e na laighe ann an [[Aragón]], air an àirde an ear-thuath na [[Dùthaich|dùthcha]]. 'S e [[Huesca]] a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an [[1833]] le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.<ref>[http://www.ipp.csic.es/node/283769 Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain]</ref> B' e an siostam-riaghalaidh iondail na [[An Fhraing|Frainge]] a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na [[Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh]] Aragòin i ann an [[1978]], nuair a sgrìobhadh [[Bun-reachd]] ùr.<ref>[http://noticias.juridicas.com/base_datos/Admin/constitucion.html Constitución Española de 1978]</ref> Sìnidh Huesca fad 15,636km²<ref>[http://www.infolaso.com/extension-ccaa-y-provincias-.html Infoalso]</ref> agus tha 219,138 duine a' fuireach ann.<ref>[http://es.classora.com/reports/x57491/ranking-de-las-provincias-mas-pobladas-de-espana Classora]</ref> Le sin, 's e an 43mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an siamh tè a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochain aice le [[Zaragoza (provincia)|Zaragoza]], [[Nafarroa]], [[Lleida (provincia)|Lleida]] agus [[An Fhraing]].<ref>[http://www.ign.es/ign/resources/cartografiaEnsenanza/puzzles/puzleProvincias/provinciasv3.html Instituto Geográfico Nacional]</ref> 'S e Spàinntis, Catalanais agus Aragonais a tha gam bruidhinn an seo.
== Freumhan an ainm ==
Tha e coltach gur ann à ''Bolsksan'' ann an Ibearais, air sàilleabh gu bheil an t-ainm a' nochdadh air [[bonn|buinn]] Ibearach, ach chan eil e soilleir na tha sin a' ciallachadh idir. Chaidh sin atharrachadh gu ''Osca'' no ''Urbs Victrix Osca'' ann an [[Laideann]] às aonais an t-iar-leasachan -skan, nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Ròmanach - b' e atharrachadh mòr a bh' ann. On [[8mh Linn]] a-mach chanadh وشقة (Washqah)<ref>[http://aquesta.de/geschichte/theodor-mommsen/roemische-geschichte-5.buch/01.kapitel/9/#285-1643-Osca Aquesta]</ref> ris an àite ann an [[Arabais]] agus nochd am foirm ùr a th' againne an latha an-diugh an dèidh nan Arabach: ''Huesca'' ann an Spàinntis (le dà-fhoghair an àite fuaimreag: /ɔ/ gu /wo/).<ref>[http://www.boletinfilologia.uchile.cl/index.php/BDF/article/viewFile/21477/22775 Boletín de Filología]</ref> Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.
 
==Iomraidhean==