An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Castelló (roinn)"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 17:
}}
'S e ''[[Roinnean na Spàinne|provincia]]'' [[an Spàinn|na Spàinne]] a tha ann an '''Castelló''' ([[IPA]]: ''kasteˈʎo'', [[Spàinntis]]: ''Castellón''). Tha e na laighe ann an [[Co-chomann València]], air an àirde an ear na [[Dùthaich|dùthcha]]. 'S e [[Castelló de la Plana]] a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an [[1833]] le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.<ref>[http://www.ipp.csic.es/node/283769 Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain]</ref> B' e an siostam-riaghalaidh iondail na [[An Fhraing|Frainge]] a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na [[Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh]] València i ann an [[1978]], nuair a sgrìobhadh [[Bun-reachd]] ùr.<ref>[http://noticias.juridicas.com/base_datos/Admin/constitucion.html Constitución Española de 1978]</ref> Sìnidh Castelló fad 6,632km²<ref>[http://www.infolaso.com/extension-ccaa-y-provincias-.html Infoalso]</ref> agus tha 604,344 duine a' fuireach ann.<ref>[http://es.classora.com/reports/x57491/ranking-de-las-provincias-mas-pobladas-de-espana Classora]</ref> Le sin, 's e an 38mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 27mh tè a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le [[Tarragona (provincia)|Tarragona]], [[Teruel (provincia)|Teruel]], agus [[Valencia (provincia)|València]].<ref>[http://www.ign.es/ign/resources/cartografiaEnsenanza/puzzles/puzleProvincias/provinciasv3.html Instituto Geográfico Nacional]</ref> 'S e Spàinntis, [[Catalanais]] a tha gam bruidhinn an seo.
== Freumhan an ainm ==
Tha a h-uile coltas ann gur ann à ''Castalias o'' no ''Castalium'', ann an [[Laideann]] - am baile a nochd ann an [[Strabo]] - a th' ann an t-ainm.<ref>Gran Enciclopedia de el País Valenciano, Editorial Prensa Valenciana, [[2005]], ISBN 84-87502-51-2</ref> Tha Castelló a' ciallachadh Casiteal beag ann an Catalanais. An dèidh nan Arabach bhìthte a' cleachdadh foirmean air an sgrìobhadh ann an dòigh gu math tuaireamach mar ''Castelló de Borriana'', ''Kastilgón'',''Castilgone ripa de mare'' no fiù's ''Castilion''.
 
==Iomraidhean==
<references/>