An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Alacant"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 17:
}}
'S e [[baile]] mòr agus [[port]] cudromach air oirthir an ear [[An Spàinn|na Spàinne]] a th’ ann an '''Alacant''' ([[Catalanais]], [[IPA]]: ala'kant), neo '''Alicante'''<ref>[http://www.storlann.co.uk/goireasan/atlas-na-sgoile.html ''Atlas Sgoile Oxford''] le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)</ref> ([[Spàinntis]]: IPA: ali'kante). Chaidh a stèidheachadh mu [[324]] ro Chrìosd. Tha Alacant suidhichte air a’ [[Muir|Mhuir]] Meadheanach, aig dìreach 1m os cionn ìre na [[Muir|mara]],<ref>[http://population.mongabay.com/population/spain/2521978/alicante Mongabay]</ref> eadar [[Abhainn|na h-aibhnichean]] Seco agus Rambuchar.<ref>[http://www.viajarenfamilia.net/rutas.php?t=senderismo&p=4&id=283 Viajar en Familia]</ref> Tha Alacant 362km air falbh bho [[Madrid|Mhadrid]], prìomh-bhaile na Spàinne, agus 394km bho [[Barcelona|Bharcelona]].<ref>[http://distancecalculator.globefeed.com/World_Distance_Calculator.asp Distance Calculator]</ref> Tha 334,418 daoine a’ fuireach ann an Alacant,<ref>[http://www.ine.es/ Cunntas-sluaigh na Spàinne]</ref> an darna baile as motha anns [[Co-chomann València|a' Cho-chomann València]] agus an 13mh baile anns an Spàinn.<ref>[http://world-gazetteer.com/wg.php?x=&men=gcis&lng=en&des=wg&srt=pnan&col=abcdefghinoq&msz=1500&geo=-72 Bailtean na Cruinne]</ref> A bharrachd air sin, 's e prìomh-bhaile na [[Roinn Alacant|Roinne Alacant]] a th’ ann an Alacant cuideachd.
== Freumhan an ainm ==
Tha cuid a luchd-rannsachaidh dhen bheachd gur ann à ''Ἂκρα Λευκῆ'', (Akra Leukḗ) no ''Λευκῆ Ἂκρα'', (Leukḗ Akra) ([[Gàidhlig]]: Rubh Geal) ann an [[Greugais]] a tha an t-ainm air sàilleabh gu robh am baile fo bhuaidh nan Cartagach o chionn fhada.<ref>Akra Leuké, Gran Enciclopedia Temática de la Comunidad Valenciana, Historia, Editorial Prensa Valenciana, [[200]]</ref> Dh'atharrach na Ròmanaich an t-ainm gu ''Lucentum'' agus as an dèidh chaidh atharrachadh gu ''ألَلَقَنْت'' (Al- Laqant) ann an [[Arabais]].<ref>Historia de la ciudad de Alicante, Azuar Ruiz R., Ajuntament d'Alacant, [[1990]]</ref> 'S ann dìreach as an fhoirm seo a thàinig an t-ainm a thathar a' cleachdadh an latha an-diugh ann an Catalanais.
 
==Eachdraidh==
Chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an [[1833]].<ref>[http://www.ipp.csic.es/node/283769 Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain]</ref>
 
==Bailtean Co-cheangailte==
*[[Faidhle:Flag of Italy.svg|22px|border]] [[Caloforte]], [[An Eadailt]]