An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "La Rioja (An Spàinn)"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 17:
}}
'S e fear de na mòr-roinnean [[An Spàinn|na Spàinne]] a tha ann '''La Rioja''' ([[IPA]]: ''la ri'oxa''). Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na dùthcha. 'S e [[Logroño]] a th'ann prìomh-bhaile na roinne agus tha port-adhair ann siud cuideachd. Tha La Rioja aon-roinneil. 'S e La Rioja an 16mh cheàrn as motha a tha anns a' Spàinn. Tha e cho farsaing ri 5,045 cilemeatair ceàrnagach, 1% na dùthcha. Anns a' bhliadhna 2009 bha 308,968 duine de shluagh ann,<ref>[http://www.ine.es Cunntas-sluaigh na Spàinne]</ref> le dluths aig àireamh 16.01 duine gach km². ‘S e dìreach [[Spàinntis]] a tha ga bruidhinn ann an La Rioja. Tha La Rioja na Choimhearsneachd Fèin-Riaghailteach fo smachd an Parlamento de La Rioja. Tha [[pàrlamaid]] le ceann-suidhe agus Buidheann Righlaidh aige.<ref>[http://www.parlamento-larioja.org Parlamento de La Rioja]</ref>
== Freumhan an ainm ==
‘S ann gu math connspaideach ‘s a tha freumhan an ainm air sàilleabh nach eil [[Freumh-fhaclachd]] na sgìre idir soilleir ach tha a' mhòr-chuid nan luchd-rannschaidh dhen bheach gur ann à facal air choireigin ann am [[Basgais]]: Tha [[Dùthaich nam Basgach]] faisg air làimh. Thuirt José Luis Álvarez Enparantza nach robh alt ann idir ach facal slàn à ''larre'' ([[Gàidhlig]]: ''sgìre dhùthchail'') agus ''ola'' (Gàidhlig: ''àite-obrach''). Rinn esan bunachadh cuideachd: Larreola → Larreoha → Larreoja → Larrioja.<ref>Euskal fonologia, Álvarez Enparantza J.P., Ediciones Vascas, [[1980]]</ref> Bha Mateo Anguiano Nieva dhen bheachd gur ann à ''herri'' (Gàidhlig: dùthaich) agus ''ogi'' (Gàidhlig: aran) a tha an t-ainm, ged nach eil ach glè bheag de dhaoine a' gabhail ri sin an latha an-diugh. Tha an treas teòiridh - a rèir Merino Urrutia<ref>[http://www.errioxa.com/3_personajes/4_1_varios/merino_urrutia.htm#nombre Merino Urrutia]</ref> - a' cantainn gu bheil an t-ainm a' ciallachadh coille, bho ''oia''.
== Ceangal a-muigh ==
* [http://www.larioja.org Riaghaltas La Rioja]